An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Gipuzkoa (An Spàinn)"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 17:
}}
'S e ''[[Roinnean na Spàinne|provincia]]'' [[an Spàinn|na Spàinne]] a tha ann am '''Gipúzkoa''' ([[Spàinntis]]: ''Guipúzcoa''). Tha e na laighe ann an [[Dùthaich nam Basgach]], ann an ceann a tuath na [[Dùthaich|dùthcha]]. 'S e [[Donostia]] a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an [[1833]] le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.<ref>[http://www.ipp.csic.es/node/283769 Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain]</ref> B' e an siostam-riaghalaidh iondail na [[An Fhraing|Frainge]] a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach [[Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh]] Euskadi i ann an [[1978]], nuair a sgrìobhadh [[Bun-reachd]] ùr.<ref>[http://noticias.juridicas.com/base_datos/Admin/constitucion.html Constitución Española de 1978]</ref> Sìnidh Gipuzkoa fad 1,909km²<ref>[http://www.infolaso.com/extension-ccaa-y-provincias-.html Infoalso]</ref> agus tha 709,607 duine a' fuireach ann.<ref>[http://es.classora.com/reports/x57491/ranking-de-las-provincias-mas-pobladas-de-espana Classora]</ref> Le sin, 's e an roinn as lugha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 21mh as motha a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le [[Álava (provincia)|Araba]], [[Bizkaia (provincia)|Bizkaia]] agus An Fhraing.<ref>[http://www.ign.es/ign/resources/cartografiaEnsenanza/puzzles/puzleProvincias/provinciasv3.html Instituto Geográfico Nacional]</ref> 'S e [[Basgais]] agus Spàinntis a tha gam bruidhinn an seo.
== Freumhan an ainm ==
 
Ged nach eil [[freumh-fhaclachd]] an ainm seo cho soilleir tha e coltach gur ann à ''Giputz'' ([[Gàidhlig]]: druim) ann am Basgais a tha an t-ainm.<ref>[http://w390w.gipuzkoa.net/WAS/CORP/DJGPortalWEB/territorio_historico_de_gipuzkoa.jsp?id=01&idioma=es Gipuzkoa Net]</ref> Tha am facal seo ceangailte ri ''ip'' (Gàidhlig: tuath).
==Eachdraidh==
Chaidh an sgìre seo a chlàradh airson a' chiad turais ann an [[1025]] mar ''Ipuscoa''
==Iomraidhean==
<references/>