An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Badajoz (provincia)"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 16:
| DUILLEAG = [http://www.dip-badajoz.es/ Riaghaltas na Roinne]
}}
'S e ''[[Roinnean na Spàinne|provincia]]'' [[an Spàinn|na Spàinne]] a tha ann am '''Badajoz''' ([[IPA]]: ''baðaˈxoθ'', Estremeñu: ''Baajós''). Tha e na laighe ann an [[Extremadura]], ann an ceann a deas na [[Dùthaich|dùthcha]]. 'S e [[Badajoz]] a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an [[1833]] le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.<ref>[http://www.ipp.csic.es/node/283769 Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain]</ref> B' e an siostam-riaghalaidh iondail na [[An Fhraing|Frainge]] a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na [[Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh]] Andalusia i ann an [[1978]], nuair a sgrìobhadh [[Bun-reachd]] ùr.<ref>[http://noticias.juridicas.com/base_datos/Admin/constitucion.html Constitución Española de 1978]</ref> Sìnidh Badajoz fad 21,766km²<ref>[http://www.infolaso.com/extension-ccaa-y-provincias-.html Infoalso]</ref> agus tha 693,921 duine a' fuireach ann.<ref>[http://es.classora.com/reports/x57491/ranking-de-las-provincias-mas-pobladas-de-espana Classora]</ref> Le sin, 's e an roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 24mh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le [[Cáceres (provincia)|Cáceres]], [[Ciudad Real (provincia)|Ciudad Real]], [[Córdoba (provincia)|Córdoba]], [[Huelva (provincia)|Huelva]], [[Sevilla (provincia)|Sevilla]] agus [[A' Phortagail]].<ref>[http://www.ign.es/ign/resources/cartografiaEnsenanza/puzzles/puzleProvincias/provinciasv3.html Instituto Geográfico Nacional]</ref> 'S e Spàinntis dìreach a tha ga bruidhinn an seo.
== Freumhan an ainm ==
Tha luchd-rannsachaidh dhen bheachd gur ann à ''ﺑﻂﻠﻴﻮﺱ'' (batalyaws) ann an [[Arabais]] a tha an t-ainm.<ref>J. Sanmartín (1994). «Toponimia y antroponimia: fuentes para el estudio de la cultura púnica en España». En A. González Blanco; J.L. Cunchillos Ilarri; M. Molina Martos. El mundo púnico: historia, sociedad y cultura. Murcia: Consejería de Cultura y Educación. Región de Murcia. pp. 227–250. ISBN 84-7564-160-1.</ref> Bheireadh sin ''Áite Làidir'' no ''Daingneachadh'' dhuinn sa [[Gàidhlig|Ghàidhlig]]. A dh'aindeoin sin, tha teòiridh eile ann a chanas gur e dìreach an t-seann ainm Ròmanach ''Pax Augusta'' air arabachadh a th' ann am Badajoz le ''B'' air sàilleabh nach robh ''P'' anns a’ chànan aca: ‘S e Imala a tha air a’ phròiseas sin.<ref>The History of the Mohammedan Dynasties in Spain, Aḥmad Ibn- Muḥammad al- Maqqari</ref> Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.