An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Sevilla (provincia)"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 17:
}}
'S e ''[[Roinnean na Spàinne|provincia]]'' [[an Spàinn|na Spàinne]] a tha ann an '''Sevilla''' ([[IPA]]: ''seˈβiʎa''). Tha e na laighe ann an [[Andalusia]], ann an ceann a deas na [[Dùthaich|dùthcha]]. 'S e [[Sevilla]] a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an [[1833]] le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.<ref>[http://www.ipp.csic.es/node/283769 Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain]</ref> B' e an siostam-riaghalaidh iondail na [[An Fhraing|Frainge]] a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na [[Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh]] Andalusia i ann an [[1978]], nuair a sgrìobhadh [[Bun-reachd]] ùr.<ref>[http://noticias.juridicas.com/base_datos/Admin/constitucion.html Constitución Española de 1978]</ref> Sìnidh Sevilla fad 14,036km²<ref>[http://www.infolaso.com/extension-ccaa-y-provincias-.html Infoalso]</ref> agus tha 1,928,962 duine a' fuireach ann.<ref>[http://es.classora.com/reports/x57491/ranking-de-las-provincias-mas-pobladas-de-espana Classora]</ref> Le sin, 's e an 12mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an còigeamh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le [[Badajoz (provincia)|Badajoz]], [[Cádiz (provincia)|Cádiz]], [[Córdoba (provincia)|Córdoba]], [[Huelva (provincia)|Huelva]] agus [[Málaga (provincia)|Málaga]].<ref>[http://www.ign.es/ign/resources/cartografiaEnsenanza/puzzles/puzleProvincias/provinciasv3.html Instituto Geográfico Nacional]</ref> 'S e Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.
== Freumhan an ainm ==
Tha luchd-rannsachaidh uile dhen bheachd gur ann à ''Spal'' ([[Gàidhlig]]: àite làn) ann an Tartesianais a tha an t-ainm.<ref>J. Sanmartín (1994). «Toponimia y antroponimia: fuentes para el estudio de la cultura púnica en España». En A. González Blanco; J.L. Cunchillos Ilarri; M. Molina Martos. El mundo púnico: historia, sociedad y cultura. Murcia: Consejería de Cultura y Educación. Región de Murcia. pp. 227–250. ISBN 84-7564-160-1.</ref> Chaidh sin atharrachadh gu ''Hispalis'' ann an [[Laideann]] fo na Ròmanaich agus an uair sin gu ''أشبيليّة'' (Ishbiliya) ann an [[Arabais]] air sàilleabh nach robh ''P'' anns a’ chànan aca: ‘S e Imala a tha air a’ phròiseas sin. ‘S ann mar sin a thàinig am facal Sevilla dhuinn an ann Spàinntis an latha an-diugh.<ref>Lapesa, Rafael (1981). Historia de la lengua española. Rba Publicaciones. ISBN 8424900723., p.140</ref> Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.
==Iomraidhean==
<references/>