An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Jaén (baile)"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 41:
=== Na Muslamaich ===
 
Thàinig na [[Muslamaich]] à Afraga a Tuath ann an [[711]]. Chuir iad còig linn seachad ann an Jaén. 'S e baile mòr cudromach a bh' ann Jaén fo na Muslamaich agus thogadh iad lùchairtean, tùir, mùirean, mosgaichean agus taighean-ionnlaid. 'S e prìomh-bhaile na Rìoghachd Dijaryan a bh'anns a' bhaile an dèidh do Rìgh Abdelazib ga cheannsachadh anns an [[10mh linn]]. Thug na Almoravidich làmh an uachdair anns an [[1091]] agus chaill e gu na h-Almohadaich ann an [[1148]]. Thug am baile cliù airson deagh àiteachais agus coilltearachd rè linntean nan Muslamach agus bha e ainmeil cuideachd airson às-mhalairt stuthan ann am fiodh agus brat-ùrlair, gan reiceadh air feadh [[Al-Andalus]] (Spàinn nan Arabach) agus thall thairis ann an Afraga a Tuath. Ann an [[1212]] bhuannaich na Crìostaidh Blàr Navas de Tolosa agus le sin fhuair iad smachd air an Guadalquivir. Beagan bhliadhna an dèidh sin, ann an [[1246]] cheannsaich Rìgh Fernando III am baile, tro aonta leis an Rìgh Muhammad Alhamar. Dh'fheuch na h-Arabaich Nasridich, à Granada, ris a' bhaile a thoirt a-mach às na Crìostaidh ann an 1300, ach b' urrainn dhuibh sin a dhèanamh. Thog na Crìostaidh caistealan air feadh na sgìre, is am baile fo bhuaidh na Spàinne a-chaoidh, gus an latha an-diugh. Chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an [[1833]].<ref>[http://www.ipp.csic.es/node/283769 Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain]</ref>
 
== Rudan ri Fhaicinn ==