An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Cádiz (provincia)"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 17:
}}
'S e ''[[Roinnean na Spàinne|provincia]]'' [[an Spàinn|na Spàinne]] a tha ann an '''Cádiz''' ([[IPA]]: ''kaðiθ'' neo ''kaðis''). Tha e na laighe ann an [[Andalusia]], ann an ceann a deas na [[Dùthaich|dùthcha]]. 'S e [[Cádiz]] a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an [[1833]] le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.<ref>[http://www.ipp.csic.es/node/283769 Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain]</ref> B' e an siostam-riaghalaidh iondail na [[An Fhraing|Frainge]] a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na [[Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh]] Andalusia i ann an [[1978]], nuair a sgrìobhadh [[Bun-reachd]] ùr.<ref>[http://noticias.juridicas.com/base_datos/Admin/constitucion.html Constitución Española de 1978]</ref> Sìnidh Cádiz fad 7,436km²<ref>[http://www.infolaso.com/extension-ccaa-y-provincias-.html Infoalso]</ref> agus tha 1,243,519 duine a' fuireach ann.<ref>[http://es.classora.com/reports/x57491/ranking-de-las-provincias-mas-pobladas-de-espana Classora]</ref> Le sin, 's e an 34mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an ochdamh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le [[Huelva (provincia)|Huelva]], [[Málaga (provincia)|Málaga]] agus [[Sevilla (provincia)|Sevilla]].<ref>[http://www.ign.es/ign/resources/cartografiaEnsenanza/puzzles/puzleProvincias/provinciasv3.html Instituto Geográfico Nacional]</ref> A bharrachd air sin, tha [[Giobraltair]], a' Chaolas Ghiobraltair agus [[Afraga]] gu deas. 'S e Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.
== Freumhan an ainm ==
Tha luchd-rannsachaidh uile dhen bheachd gur ann ''gdr'' ann am [[Foinìsis]] a tha an t-ainm, agus gu bheil sin a’ ciallachadh dùn no caisteal.<ref>J. Sanmartín (1994). «Toponimia y antroponimia: fuentes para el estudio de la cultura púnica en España». En A. González Blanco; J.L. Cunchillos Ilarri; M. Molina Martos. El mundo púnico: historia, sociedad y cultura. Murcia: Consejería de Cultura y Educación. Región de Murcia. pp. 227–250. ISBN 84-7564-160-1.</ref> Mar sin, tha an t-ainm Cádiz coltach ri Agadir, thall ann am [[Maroco]]. Bhathar a’ cleachdadh trì ainmean eadar-dhealaichte ann an [[Greugais]]: ''ἡ Γαδείρα'' (Gadeíra), ''Γήδειρα'' (Gẽdeira) agus ''τὰ Γάδειρα'' (Gádeira). Chaidh sin atharrachadh gu ann an [[Arabais]] a thug Cádiz dhuinn an an Spàinntis an latha an-diugh. Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.
 
==Iomraidhean==