An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Jaén (provincia)"

Chaidh 1,167 baidht a chur ris ,  5 bhliadhnaichean air ais
gun ghearr-chunntas deasachaidh
}}
'S e ''[[Roinnean na Spàinne|provincia]]'' [[an Spàinn|na Spàinne]] a tha ann an '''Jaén''' ([[IPA]]: ''xaˈen''). Tha e na laighe ann an [[Andalusia]], ann an ceann a deas na [[Dùthaich|dùthcha]]. 'S e [[Jaén (baile)|Jaén]] a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an [[1833]] le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.<ref>[http://www.ipp.csic.es/node/283769 Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain]</ref> B' e an siostam-riaghalaidh iondail na [[An Fhraing|Frainge]] a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na [[Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh]] Andalusia i ann an [[1978]], nuair a sgrìobhadh [[Bun-reachd]] ùr.<ref>[http://noticias.juridicas.com/base_datos/Admin/constitucion.html Constitución Española de 1978]</ref> Sìnidh Jaén fad 13,496km²<ref>[http://www.infolaso.com/extension-ccaa-y-provincias-.html Infoalso]</ref> agus tha 670,600 duine a' fuireach ann.<ref>[http://es.classora.com/reports/x57491/ranking-de-las-provincias-mas-pobladas-de-espana Classora]</ref> Le sin, 's e an 14mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 25mh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le [[Albacete (provincia)|Albacete]], [[Ciudad Real (provincia)|Ciudad Real]], [[Córdoba (provincia)|Córdoba]] agus [[Granada (provincia)|Granada]].<ref>[http://www.ign.es/ign/resources/cartografiaEnsenanza/puzzles/puzleProvincias/provinciasv3.html Instituto Geográfico Nacional]</ref> 'S e Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.
== Freumhan an ainm ==
 
‘S ann gu math connspaideach ‘s a tha freumhan an ainm air sàilleabh nach eil [[Freumh-fhaclachd]] na sgìre idir soilleir. Tha a h-uile coltas ann gur ann à ''Villa Gaiena'' ann an [[Laideann]] a tha an t-ainm, ged a bhìte a’ chleachadh an ainm ''Auringis'' airson a’ bhaile fhèin aig àm nan Ròmanch.<ref>Cortés y López, Miguel (1835). Diccionario geográfico-histórico de la España antigua, Tarraconense, Bética y Lusitana: con la correspondencia de sus regiones, ciudades, montes, ríos, caminos, puertos e islas a las conocidas en nuestros días. Imprenta Real, Madrid. p. 169 - Tomo I. OCLC 645251138.</ref> A dh’aindeoin sin, tha cuid eile dhen bheachd gur ann à جيان (Jayyān) ann an [[Arabais]] a tha e. Tha teòiridh eile ann a tha ag ràdh gur ann à ''Dayan'' no ([[britheamh]]) ann an [[Eabhra]] a thàinig an t-ainm.<ref>Galmés de la Fuente, Álvaro (2000). Real Academia de Historia (Madrid), ed. Los topónimos: sus blasones y trofeos (la toponimia mítica)». p. 62.</ref> Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.
==Eaconomaidh==
'S ann crochte air [[àiteachas]] a tha [[eaconomaidh]] na roinne, gu seachd-àraidh [[dearc-ola]] airson ola-chroinn-ola a dheànamh. Thathar a' deànamh 1,015,697 tunna fad 550,000ha gach [[bliadhna]] - 25% fearann na Spàinne agus 42% Andalusia.<ref>[http://www.magrama.gob.es/es/estadistica/temas/estadisticas-agrarias/agricultura/avances-superficies-producciones-agricolas/cuaderno_marzo2015_tcm7-380490.pdf Ministerio de Agricultura, Alimentación y Medio Ambiente]</ref> 'S e 50% dhe na dearcan-ola na dùthcha a tha gam fàs anns an roinn seo.
 
35,754

deasachadh