An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Burgos (provincia)"

Chaidh 23 baidht a chur ris ,  6 bhliadhnaichean air ais
gun ghearr-chunntas deasachaidh
No edit summary
No edit summary
[[File:Flag_Burgos_Province.svg|right|300px]]
 
'S e ''[[Roinnean na Spàinne|provincia]]'' [[an Spàinn|na Spàinne]] a tha ann am '''Burgos''' ([[IPA]]: ''burɣos''). Tha e na laighe ann an [[Castilla y León]], ann an ceann a tuath na [[Dùthaich|dùthcha]]. 'S e [[Burgos]] a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an [[1833]] le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.<ref>[http://www.ipp.csic.es/node/283769 Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain]</ref> B' e an siostam-riaghalaidh iondail na [[An Fhraing|Frainge]] a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach [[Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh]] Chastilla y León i ann an [[1978]], nuair a sgrìobhadh [[Bun-reachd]] ùr.<ref>[http://noticias.juridicas.com/base_datos/Admin/constitucion.html Constitución Española de 1978]</ref> Sìnidh Burgos fad 14,022km²<ref>[http://www.infolaso.com/extension-ccaa-y-provincias-.html Infoalso]</ref> agus tha 375,657 duine a' fuireach ann.<ref>[http://es.classora.com/reports/x57491/ranking-de-las-provincias-mas-pobladas-de-espana Classora]</ref> Le sin, 's e an 12mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 36mh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le [[Álava (provincia)|Álava]], [[Cantàbria]], [[Guadalajara (provincia)|Guadalajara]], [[La Rioja]], [[Palencia (provincia)|Palencia]], [[Segovia (provincia)|Segovia]] agus [[Valladolid (provincia)|Valladolid]].<ref>[http://www.ign.es/ign/resources/cartografiaEnsenanza/puzzles/puzleProvincias/provinciasv3.html Instituto Geográfico Nacional]</ref> 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.
==Iomraidhean==
<references/>
41,502

deasachadh