An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Úbeda"

Content deleted Content added
Loidhne 19:
'S e [[baile]] faisg air [[Baeza]] ann an [[Andalusia]] ([[An Spàinn]]) a th' ann an '''Úbeda''' ([[IPA]]: ''uβeða''). Tha e suidhichte ann an ceann a deas na [[Dùthaich|dùthcha]], aig 751m os cionn ìre na [[Muir|mara]], anns an [[Jaén (provincia)|Roinn Jaén]], 56km air falbh bho [[Jaén (baile)|Jaén]] fhèin. Thathar a' ràdh gur e am baile as aosta san [[Roinn Eòrpa]] air fad a th' ann Úbeda.<ref>[http://turismodeubeda.com/index.php/es/conoce-ubeda/historia/yacimiento-arq-eras-del-alcazar Turismo]</ref> 'S e dìreach [[Spàinntis]] a tha ga bruidhinn an seo. 'S e [[turasachd]] a tha a' cumail [[eaconomaidh]] a' bhaile a' dol. Tha 35,794 duine a' fuireach ann.<ref>[http://www.idepa.es/sites/web/idepaweb/productos/cifras/demografia/index.jsp?section=3 IDEPA]</ref>
==Freumahn an Ainm==
'S e ainm ro-spàinnteach - Oretani - a th' ann an Úbeda, bho Ibiut, ged a tha coltas [[Arabais]] air, bho بَّدَة الْعَرَب (Ubbadat-Al-Arab), air sàilleabh gu robh an sgìre na pàirt [[Al-Andalus]] fad linntean.
'S ann gu math connspaideach 's a tha freumhan an ainm. Tha cuid ag ràdh gur ann à ''Urbs Vetus'' (''seann bhaile'') ann an Laideann a tha ainm a' bhaile. Tha feadhainn dhen bheachd gur e dìreach ovis ([[caora]]) agus etum (''àite'') a th'ann.
Bheireadh sin Baile nan Caorach dhuinn sa [[Gàidhlig|Ghàidhlig]] an latha an diugh. Thuirt Ramón Menéndez Pidal gur ann à [[Basgais]] no fiù 's [[Ceiltis]] a bh' ann. Tha tèoiridh eile ann a chanas gur ann à ainm an [[Dia]] ''Iove'' a th' ann.
 
==Eachdraidh==