An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Eòghann MacEachainn"

Chaidh 1,925 baidht a chur ris ,  5 bhliadhnaichean air ais
beatha Eòghainn
(+ rs)
(beatha Eòghainn)
B' e sagairt a bh' ann an '''Eòghann MacEachainn''' ([[1769]]-[[1849]]).
 
==LeabhraicheanBeatha==
 
Rugadh MacEachainn ann an [[1769]] ann an [[Àrasaig, Alba|Àrasaig]].<ref name="MW1902">MacBain & Whyte. 1902. ''MacEachen's Gaelic-English Dictionary: revised and enlarged by Alexander MacBain, LL.D. and John Whyte'' 2na deas.(Inverness: Highland News Office), d.iv</ref> Fhuair e foghlam ann an [[Valladolid]], An Spàinn gus a bhith na shagart.<ref name="MW1902"/>
 
An uair a thill e a dh'Alba rinn e obair ann an grunn àitichean. Thog e a' chiad [[caibeal|chaibeal]] ann an Laggan. Bu esan an sagart ann am [[Bràigh Mhàrr]] fad fichead bliadhna.<ref name="MW1902"/> Chaochail e aig Tobae, [[Gleann Lìobhait]] ann an [[1849]].<ref name="MW1902"/>
 
==Sgrìobhaidhean==
 
Tha MacEachainn aithnichte airson na sgrìobhaidhean a rinn air a' Ghàidhlig. Rinn e eadar-theangachaidhean air leabhraichean cràbhaich. Rinn e faclair Gàidhlig cuideachd a thàinig a-mach an clò ann an trì deasachaidhean.
 
Rinn e eadar-theangachadh air an [[Tiomnadh Nuadh]] a dh'fhàg e aig an t-Urramach Cailean Grannd, [[Srath Ghlais]] a rinn ùrachadh a bharrachd air agus dh'fhoillsich e ann an 1875.<ref name="MW1902"/>
 
===Am Faclair===
Chaidh a faclair fhoillseachadh 'son a' chiad uair ann an 1842 (ged a chaidh 1862 a chlò-bhualadh gu mearachdach air an leabhar fhèin).
 
Rinn MacEachainn taghaidhean air litreachadh na Gàidhlig a bha neo-àbhaisteach. Mar eisimpleir, litrich e gach facal a thòisicheas le ''sr'' mar ''str''. Thug [[Alasdair MacIlleBhàin|MacIlleBhàin]] & [[Iain Bàn Òg|Whyte]] an atharrachadh sin a-mach às an fhaclair anns na deasaichean a rinn iad aig toiseach an fhicheadamh linn.<ref name="MW1902"/>
 
===Leabhraichean===
 
* MacEachainn, Eoghan. 1826. ''Leanmhuinn Chriost’: air a Tionnadh o Laidinn, gu Gaidhlig'' (Peirt [Peairt]: Clo-bhuailt le Morisons, Aireamh 14 An t-Straid Ard)
 
* MacEachainn, Eobhan. 1842. ''Faclair, Gailig us Beurla'' (Peirt [Peairt]: Chlo-bhuilte le R. Morison)
* MacEachen, Ewen. 1902. ''MacEachen's Gaelic-English Dictionary: revised and enlarged by Alexander MacBain, LL.D. and John Whyte'' 2na deas.(Inverness: Highland News Office)
* MacEachen, Ewen. 1906. ''MacEachen's Gaelic-English Dictionary: 3rd edition revised and enlarged by Alexander MacBain, LL.D. and John Whyte'' 3mh edn.(Inverness: Taylor & Bain, The Highland News)
 
==Iomraidhean==
<references/>
 
<ref name="Roberts">Roberts, Alasdair. 2006. Maighstir Eobhan Mac Eachainn and the Orthography of Scots Gaelic’. TGSI LXIII 2002-04. 358-405.</ref>
 
{{DEFAULTSORT:MacEachainn, Eòghann}}
[[Roinn-seòrsa:Albannaich]]
[[Roinn-seòrsa:Faclairichean]]
[[Roinn-seòrsa:Cànanachas]]