An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Oviedo"

Content deleted Content added
Chaidh duilleag le "{{Template:Baile | AINM = Oviedo<br>Uviéu | BRATACH = Uvieu_flag.svg | LÙIREACH = Escudo_de_Oviedo.svg | LÙIREACH_LEUD = 60 | DEALBH=Oviedo 01.jpg..." a chruthachadh
 
No edit summary
Loidhne 19:
'S e [[baile]] mòr ann an [[Asturias]] ([[An Spàinn]]) a th' ann an '''Oviedo''' ([[IPA]]: ''oˈβjeðo'', Asturianis: ''Uviéu'', [[Laideann]]: ''Ovetum''). Tha e suidhichte ann an ceann a tuath na [[Dùthaich|dùthcha]], aig 232m os cionn ìre na [[Muir|mara]], anns an sgìre Asturias fhèin. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an [[761]]. 'S e Asturianis agus [[Spàinntis]] a tha gam bruidhinn an seo. 'S e am seirbheisean agus an Riaghaltas ionadail a tha a' cumail [[eaconomaidh]] a' bhaile a' dol. Tha 223,765 duine a' fuireach ann.<ref>[http://www.idepa.es/sites/web/idepaweb/productos/cifras/demografia/index.jsp?section=3 IDEPA]</ref>
==Freumahn an Ainm==
'S ann gu math connspaideach 's a tha freumhan an ainm. Tha cuid ag ràdh gur ann à ''Urbs Vetus'' (''seann bhaile'') ann an Laideann a tha ainm a' bhaile. Tha feadhainn dhen bheachd gur e dìreach ovis ([[caora]]) agus etum (''àite'') a th'ann.
'S ann à ''sanct'' ([[naomh]]) agus ''Ander'' ([[Anndra]]) ann an seann Spàinntis a tha ainm a' bhaile. Bheireadh sin Cill Anndra neo Baile Anndra dhuinn sa [[Gàidhlig|Ghàidhlig]] an latha an diugh.<ref>Fernández González, Lorena (2002). Santander una ciudad Medieval. Estvdio. ISBN 9788495742056</ref> Tha cuid eile dhen bheachd gur ann à ''Portus Sanctorum Emeterii et Celedonii'' (Sancti Emetherii > Sancti Emderii > Sanct Endere > San Andero > Santendere > Santanderio > Santander).
Bheireadh sin Baile nan Caorach dhuinn sa [[Gàidhlig|Ghàidhlig]] an latha an diugh. Thuirt Ramón Menéndez Pidal gur ann à [[Basgais]] no fiù 's [[Ceiltis]] a bh' ann. Tha tèoiridh eile ann a chanas gur ann à ainm an [[Dia]] ''Iove'' a th' ann.
 
==Eachdraidh==
Thathar air stuth Ròmanach a lorg san àite far an robh port, air an robh ''Portus Victoriae Iuliobrigensium''.<ref>[http://www.regiocantabrorum.es/publicaciones/portus_victoriae_iuliobrigensium Regio Cantabrorum]</ref> Nochd ainm a' bhaile ann an sgrìobhainn airson a' chiad turais ann an [[1068]]. Ann an [[1158]] fhuair Santander a chuid chòirichean a thaobh mhalairt a thug piseach air an eaconomaidh. Rinn teintean sgrios air a' bhaile ann an [[1296]] agus [[1311]] Thàinig an rèile - agus [[turasachd]] - ann an [[1858]].<ref>[http://www.spanishrailway.com/capitulos_html/alarasantander.htm Alar Santander]</ref> Chaidh 590 duine a mharbhadh ann an spreadhadh air a' bhata ''Cabo Machichaco'' ann an [[1893]]. Cha robhar a' gabhail ri riaghailtean a thaobh stuthan chunnartach a làimhseachadh agus spreadh tunnaichean dineamait anns a' port. Thuit am baile gu na Reubaltaich [[Faisisteachas|Faisisteach]] ann an [[Cogadh Sìobhalta na Spàinne]] ann an [[1937]]. Chaidh 90,000 [[saighdear]] a mharbhadh ann an sabaid anns a' bhaile fhèin agus san sgìre mu timcheall.<ref>[http://www.eldiariomontanes.es/pg060506/prensa/noticias/Sociedad/200605/06/DMO-TEL-160.html Diario Montañés]</ref> Chaidh [[Oilthigh Cantàbria]] a stèidheachadh an seo ann an [[1972]].<ref>[http://web.unican.es/ UNICAN]</ref>
 
==Daoine Ainmeil==
*[[Matilde Camus]] ([[1919]] - [[2012]])<ref>[http://www.matildecamus.com/ Matilde Camus]</ref>
 
==Iomraidhean==