An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Alasdair mac Mhaighstir Alasdair"

Chaidh 121 baidht a chur ris ,  6 bhliadhnaichean air ais
→‎Sgeul-beatha: Raghnall Dubh
(teamplaid)
(→‎Sgeul-beatha: Raghnall Dubh)
 
== Sgeul-beatha ==
A rèir [[beul-aithris]] 's ann bho athair a fhuair Alasdair a chuid oideachaidh anns a' chiad dol a-mach agus chaidh e an uair sin gu [[Oilthigh Ghlaschu]], ged nach eil seo ga dhearbhadh ann am pàipearan an Oilthigh. Tha beul-aithris cuideachd a' cumail a-mach nach tug e a-mach ceum aig deireadh an latha ach gun do dh'fhàg e an oilthigh a phòsadh Sìne Dhòmhnallach à [[Gleann Eite]]. Nuair a nochdas e a-rithist ann an clàran sgrìobhte, ann an 1729, 's ann mar neach-oideachaidh agus ceistear aig an [[SSPCK]] (Scottish Society for the Propagation of Christian Knowledge) a tha e ag obair, ann an [[Eilean Fhìonain]], faisg air far a bheil [[An_Gearasdan|an Gearastan]] an-diugh.
Rugadh a mhac, [[Raghnall Dubh]], ann an [[1728]].<ref>[http://dasg.ac.uk/corpus/textmeta.php?text=170&uT=y DASG]</ref>
Nuair a nochdas e a-rithist ann an clàran sgrìobhte, ann an 1729, 's ann mar neach-oideachaidh agus ceistear aig an [[SSPCK]] (Scottish Society for the Propagation of Christian Knowledge) a tha e ag obair, ann an [[Eilean Fhìonain]], faisg air far a bheil [[An_Gearasdan|an Gearastan]] an-diugh.
 
Ann an 1738 bha Alasdair a' teagasg ann an Cille Chomhghain agus ann an 1739 ann an Coire Mhuilinn, far an do rinn e an dàn ainmeil aige, '[http://www.bbc.co.uk/alba/foghlam/larachnambard/poets/alasdair_mma/bardachd/#analysis_links_patch Allt an t-Siùcair]'. Ann an 1741 dh'fhoillsich e [[faclairean Gàidhlig|faclair Gàidhlig]], a' chiad leabhar clò-bhuailte a nochd bho thùs ann an [[Gàidhlig]] na h-Alba a-riamh.