An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Putumayo (Roinn)"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 23:
 
==Eachdraidh==
B' e sgìre gu math measgaichte a bh' ann o chionn fhada: bha na Cofán a bha a' fuireach air an àirde an iar-dheas, na Kamentxá air an àirde an iar-thuath, na Tukano ann an ceann a deas agus na Witoto san ear. Cheannsaich Huayna Cápac Tìr nan Kamentxá ann an [[1492]] agus stèidhich esan colonaidh Inca ann an Gleann Sibundoy. Chuir feachdan na Spàinne ruaig air na h-Incas ann an [[1533]] agus ghabh iad seilbh air an sgìre seo ann an 1542. B' e miseanan [[Eaglais Chaitligeach|Caitligeach]] a riaghladh an sgre bho [[1547]] gu ruige neo-eiosimeileachd na dùthcha ann an [[1810]].
 
Bha an talamh far a bheil Putumayo na phàirt na Roinne Phutumayo aig toiseach toisichidh neo-eisimeileachd na dùthcha. Bha glè bheag de dhaoine a' fuireach ann agus le sinn bha am baile [[Popayán]] an urra ri ceann a deas na dùthcha air fad a riaghladh. A bharrachd air sin, bha an dùthaich mòran na bu mhotha na tha e an latha an-diugh. Ghabhadh an roinn a-steach sgìrean a bhuineas gu Eacuador agus Pearu a-nis. Bha trì atharraidhean mòra ann an riaghladh na dùthcha anns an [[19mh Linn]]. Bhathar a' deasbad an dà chuid crìochain na stàite agus siostam riaghlaidh na dùthcha, le feachdan poileataigeach a' sabaid an aghaidh a chèile an aghaigh no airson siostaim fheadarail a chuir an gnìomh. Chaidh Putumayo na phàirt Roinn a' Chauca agus an uair sin Tìr Nàiseanta Caquetá agus Stàit Uachdaran a' Chauca.Tha i air a bhith na roinn bho 1991 a-mach.