An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Putumayo (Roinn)"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 18:
 
'S e tè dhe na 32 roinnean ann an [[Coloimbia]]<ref>[http://www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/cuspair/duthchannan/ Dùthchannan aig SMO]</ref> a th' ann am '''Putumayo'''. Tha Putumayo suidhichte air an iar-dheas na dùthcha, faisg air na crìochain le [[Ecuador]] agus [[Pearu]], fad 24.885 km² eadar 01° 26' 18" y 00° 27' 37" Tuath agus 73° 50' 39" y 77° 4' 58" Iar anns an roinn nàdarra Amazon. 'S e [[Mocoa]]<ref>[http://www.alcaldiademocoa.gov.co/ Riaghaltas a' Bhaile]</ref> prìomh-bhaile na roinne. Tha 310,132 a' fuireach ann, a'mhòr-chuid air an àirde an iar na roinne.
 
==Freumhan an ainm==
Tha a h-uile coltas ann gur ann às a' ghnìomhair ''p'utuy'' ([[Gàidhlig]]: ''steall'') ann an Quechua a tha an t-ainm. Chan eil Pearu idir fad às agus bha buaidh nan Inca gu math làidir an seo mus an do ràinig [[An Spàinn|Spàinntich]] ann an [[1542]]. Thugadh ainm [[Abhainn|na h-aibhne]] air an roinn.
 
==Eachdraidh==
B' e sgìre gu math measgaichte a bh' ann o chionn fhada: bha na Cofán a bha a' fuireach air an àirde an iar-dheas, na Kamentxá air an àirde an iar-thuath, na Tukano ann an ceann a deas agus na Witoto san ear. Cheannsaich Huayna Cápac Tìr nan Kamentxá ann an [[1492]] agus stèidhich esan colonaidh Inca ann an Gleann Sibundoy. Chuir feachdan na Spàinne ruaig air na h-Incas ann an [[1533]] agus ghabh iad seilbh air an sgìre seo ann an 1542.
 
Bha an talamh far a bheil Putumayo na phàirt na Roinne Phutumayo aig toiseach toisichidh neo-eisimeileachd na dùthcha. Bha glè bheag de dhaoine a' fuireach ann agus le sinn bha am baile [[Popayán]] an urra ri ceann a deas na dùthcha air fad a riaghladh. A bharrachd air sin, bha an dùthaich mòran na bu mhotha na tha e an latha an-diugh. Ghabhadh an roinn a-steach sgìrean a bhuineas gu Eacuador agus Pearu a-nis. Bha trì atharraidhean mòra ann an riaghladh na dùthcha anns an [[19mh Linn]]. Bhathar a' deasbad an dà chuid crìochain na stàite agus siostam riaghlaidh na dùthcha, le feachdan poileataigeach a' sabaid an aghaidh a chèile an aghaigh no airson siostaim fheadarail a chuir an gnìomh. Chaidh Putumayo na phàirt Roinn a' Chauca agus an uair sin Tìr Nàiseanta Caquetá agus Stàit Uachdaran a' Chauca.Tha i air a bhith na roinn bho 1991 a-mach.