An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Eachdraidh nan damaichean air a' Ghàidhealtachd"

Content deleted Content added
b ceanglaichean
b ceanglaichean
Loidhne 10:
[[Faidhle:Loch_Monar_as_dèidh_an_dama.jpg|left|250px|thumb|Loch Mhonair às dèidh an dama]]
Eadar [[1947]] is [[1961]] chaidh barrachd air 60 taighean is taighean-eunaidh a leagail, dhachaigh dha na [[buachaille|buachaillean]] is stalcairean far an robh iad ag obair; bhathar a smaoineachadh gur e phrìs a bh’ ann a b’ fhiach a phàigheadh. Rè na h-ùine sin chaidh 56 damaichean a thogail is 54 stèiseanan-cumhachd uisge. A bharrachd air sin, chaidh faisg air 200 mìle de thunailean a thogail is timcheall air 400 mìle rathaid.
Mar sin thàinig iomadh atharrachadh gu tìr is muinntir. Mar eisimpleir ann an Gleann Srath Farrar (sa sgeama Afraig-[[A' Mhanachainn|Manachainn]], fear den fheadhainn as motha) ach a-mhàin dama beag, dà stèisean-cumhachd fon talamh is mòran phaidhleonan, gu ìre cha robh buaidh air a’ ghleann ìosal; ach aig ceann a’ ghlinne sin chaidh ochd taighean fon uisge nuair a thogadh an dama aig Monar. Thachair an aon rud tro iomadh gleann air feadh na Gàidhealtachd; am measg nan sgeamaichean a bu mhotha bha an fheadhainn aig [[Abhainn Sin|Sin]], Conan, Loch Sluagh-[[Loch Obha]], [[Bràid Albainn|Bràghad Albainn]], [[Cruachan]] is [[Abhainn Teamhail|Teimheil]] - na h-àiteachan far am biodh am buil as motha.
 
Thàinig mòran daoine far am biodh obair gu leòr airson barrachd luchd-obrach air Gàidhealtachd aig an àm; mar sin, biodh gnìomhachasan ionadail - bùithtean, taighean-òsda, taighean-seinnse, companaidhean-siubhal, luchd-togail - a’ dèanamh math bho bharrachd gnìomhachais. A-rèir nan ùghdarrasan, bhiodh seilbheachd phoblach sin math airson muinntir na Gàidhealtachd san fharsaingeachd. Chaidh aithneachadh gum biodh bhuaidh mhòr air na daoine a bha fuireach faisg air na lochan far am biodh na damaichean gan togail. Dh’fheumadh iadsan gluasad dha àiteachan eile airson àite-fuirich ùr is obair ùr, ach bha iadsan sa bheag-chuid.