An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Eachdraidh nan damaichean air a' Ghàidhealtachd"

Content deleted Content added
b ceanglaichean
b ceanglaichean
Loidhne 4:
 
==Adhbharaich atharrachadh==
Ro dheireadh an [[Dàrna Cogadh|Dàrna Cogaidh]] chaidh Achd [[Dealan-uisge|Dealain-uisge]] (Alba) [[1943]] tron Phàrlamaid gus sgeamaichean dealain a dhèanadh bho chumhachd an uisge ann an aibhnichean agus lochan na Gàidhealtachd a cheadachadh, fo cheannardas Tom Johnstone, [[Rùnaire Stàite na h-Alba|Rùnaire na Stàite ann an Alba]]. Aig an àm sin, thàinig luchd-tomhais gu iomadh àite air feadh na Gàidhealtachd is bha iad a’ lorg airson àiteachan freagarrach far am biodh sgeamaichean dealan-uisge gan togail. A-rèir Bhùird an Dealain biodh na planaichean aca math anns a h-uile dòigh airson na Gàidhealtachd agus na daoine is bhiodh an dùthaich air fad a’ cur feum air leasachadh. As dèidh an dàrna cogaidh, bha na h-ùghdarrasan a’ lorgadh ro-innleachd eaconamach eadar-dhealaichte, gu h-airidh aig àm den iarrtas gun cheann airson barrachd dealain.
 
Fon ainm "Neart nan Gleann" thòisich iomairt gus am biodh iomadh dama ga thogail, le [[Stèisean cumhachd|stèiseanan-cumhachd]] nan cois is mar sin b’ e gnìomhachas nàiseanta a bh’ ann bho thùs airson dealan a liubhairt air feadh Alba is leasachadh sòisealta aig an aon àm, gu h-àiridh airson muinntir na Gàidhealtachd. Nuair a bha an sgeama seo aig barr a rèime, bha mu 12,000 duine ag obair air an hydro. Thàinig fireannaich bho air feadh na h-Alba gus obair a lorg às dèidh an Dàrna Cogaidh ’s iad a' faighinn deagh phàigheadh. Bha Gearmailtich, Pòlainnich agus Seicich am measg na feadhna as fheàrr air tunailean a chladhach ’s thugadh "Tunnel Tigers" orra. Cho anmoch ri na 1940an, gheibheadh fear dhiubh suas ri £35 san t-seachdain, an taice ri £3 no £4 san t-seachdain do luchd-obrach air oighreachdan.
 
[[Faidhle:Loch_Monar_as_dèidh_an_dama.jpg|left|250px|thumb|Loch Mhonair às dèidh an dama]]
Eadar [[1947]] is [[1961]] chaidh barrachd air 60 taighean is taighean-eunaidh a leagail, dhachaigh dha na [[buachaille|buachaillean]] is stalcairean far an robh iad ag obair; bhathar a smaoineachadh gur e phrìs a bh’ ann a b’ fhiach a phàigheadh. Rè na h-ùine sin chaidh 56 damaichean a thogail is 54 stèiseanan-cumhachd uisge. A bharrachd air sin, chaidh faisg air 200 mìle de thunailean a thogail is timcheall air 400 mìle rathaid.
Mar sin thàinig iomadh atharrachadh gu tìr is muinntir. Mar eisimpleir ann an Gleann Srath Farrar (sa sgeama Afraig-[[A' Mhanachainn|Manachainn]], fear den fheadhainn as motha) ach a-mhàin dama beag, dà stèisean-cumhachd fon talamh is mòran phaidhleonan, gu ìre cha robh buaidh air a’ ghleann ìosal; ach aig ceann a’ ghlinne sin chaidh ochd taighean fon uisge nuair a thogadh an dama aig Monar. Thachair an aon rud tro iomadh gleann air feadh na Gàidhealtachd; am measg nan sgeamaichean a bu mhotha bha an fheadhainn aig Sin, Conan, Loch Sluagh-[[Loch Obha]], [[Bràid Albainn|Bràghad Albainn]], Cruachan is Teimheil - na h-àiteachan far am biodh am buil as motha.