An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Mariquita (Tolima)"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 41:
 
==Eachdraidh==
B' e Pantágoras, Panches, Marquetones, Panchiguas, Lumbies, Chapaimas, Palamoimas, Hondas, Gualíes agus Bocanemes na treubhan Tùsanach a bh' ann an seo mus do ràinig na [[An Spàinn|Spàinntich]]: tha beul-aithris na sgìre ag ràdh gu robh mu 30,000 cathaich uile gu lèir. Chaidh am baile a th' ann a-nis a stèidheachadh air [[28 an Lùnastal]] [[1551]] le Francisco Núñez Pedroso.<ref>[http://www.banrepcultural.org/blaavirtual/historia/ilustre/ilus185.htm Banrepcultural]</ref> B' e na mèinnean ([[airgead]] agus [[òr]]) a chumadh [[eaconomaidh]] na sgìre a' dol fad linntean. Chaidh prìomh oifisean Triabhall Luibh-eòlasach Rìoghail, fo stiùireadh José Celestino Mutis, stèidhichte ann am Mariquita ann an [[1788]].<ref>[http://www.revistaarcadia.com/impresa/articulo/la-segunda-expedicion-botanica/22686 Arcadia]</ref> Ghairm anRoinn Mariquita a chuid neo-eisimeileachd [[1812]], ach b' e Honda a bh' ann a prìomh-àite. Chaidh an stàit bheag sin a roinneadh ann an trì sgìre na bu lugha ann an [[1824]]: Mariquita, Honda, Ibagué agus La Palma. Thug an tubaiste a thachair ann an [[Armero]] - dìreach 32km air falbh bhon bhaile - buaidh gu math làidir air Mariquita.
 
Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1895 mar ''San Lorenzo'' ach chuireadh ainm ghaisgeach nàiseanta - José León Armero - air ann an [[1930]].<ref>[http://ghosttowncoffee.com/news/ghost-town-of-the-month/armero-colombia/ Ghost Town]</ref> Bha am baile gu math beairteach fad iomadh bliadhna air sàilleabh cho soirbheachail 's a bha gnothach [[cotan|cotan]] an seo.<ref>[http://www.elespectador.com/noticias/nacional/armero-y-el-ocaso-del-algodon-articulo-598882 El Espectador]</ref> Chaidh còrr is 25,000 duine a mharbhadh nuair a spreadh [[Beinn-theine|a' beinn-teine]] ''Nevado del Ruiz'' ann an [[1985]], a rinn sgrios air a' bhaile: dh'fhàgadh air an Riaghaltas gu robh laigsean mòra anns dòigh a dhèilig iad ris an t-suidheachadh.<ref>Alejandro Reyes Posada, Guerreros y Campesinos, El Despojo de la Tierra en Colombia, Editorial Norma, 2009.</ref> Fhuair an ceann-suidhe, [[Belisario Betancur Cuartas]], fìor dhubh chàineadh anns na meadhanan. Chaidh baile ùr a thogail ach tha an sgìre fhathast gu math ìosal agus gu math bochd.
 
== Sluagh a' bhaile ==