An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Guillermo León Valencia"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 22:
|notes=
}}
B' e fear-[[malairt]], riochdaire dioplòmasach agus fear-[[poileataigs]] à [[Coloimbia]] bh’ ann an '''Guillermo León Valencia Muñoz''' ([[Popayán]], [[27 an Giblean]] [[1909]] - [[Eabhraig Nuadh (baile)|Eabhraig Nuadh]], [[4 an t-Samhain]] [[1971]]).<ref>[http://www.banrepcultural.org/blaavirtual/biografias/guillermo-valencia-hijo Banrepcultural]</ref> Bha e na cheann-suidhe Choloimbia eadar [[7 an Lùnastal]] [[1962]] agus 7 an Lùnastal [[1966]], nuair a bha an [[dùthaich]] air a sgiùrsadh le ainneart marbhtach fuilteach eadar luchd-leantainn an dà phàrtaidh cumhachdail.<ref>[http://wsp.presidencia.gov.co/asiescolombia/presidentes/rc_58.html Presidencia de Colombia]</ref> 'S ann do [[Teaghlach|theaghlach]] beairteach a bhuineadh e: bha [[athair]], [[Guillermo Valencia Castillo]], na [[Bàrd|bhàrd]] ainmeil. Chaidh e dhan Oilthigh Cauca. Phòs e aig Susana López Navia à [[Palmira (Valle)|Palmira]], faisg air [[Cali]], ann an [[1931]] agus rug i ceathrar duine-cloinne dha.<ref>[http://www.nytimes.com/1964/05/20/mrs-guillermo-valencia-wife-of-colombian-president.html?_r=1 New York Times]</ref> B' e ise a' chiad bhean a' chinn-suidhe a chaochail tron teirm an duine aige a-riamh.
 
Bha Valencia na thosgair thall anns [[An Spàinn]] deich turas agus na Mhinistear nan Dùthchannan Cèin fad còrr is mìos ann an [[1953]]. Chaidh a thaghadh ceann-suidhe na dùthcha ann an [[1962]]. bha e an aghaidh na [[deachdaire|deachdaireachd]] aig [[Gustavo Rojas Pinilla]] agus, às aonais Valencia agus [[Alberto Lleras Camargo]], dh' fhuiricheadh Pinilla san chumhanchd gu sìorraidh.<ref>[http://www.semana.com/nacion/articulo/la-caida-de-rojas/8997-3 Semana]</ref> B' e a phrìomh-amas sìth a thoirt air ais dhan dùthaich: thug e ministrealachdan gu Libearalaich agus Tòraidhean ged a bha dubh ghràin aca. Bha Valencia cuideachd na thosgair anns na Stàitean Aonaichte eadar [[2005]] agus [[2006]]. Rinneadh fanaid airsan anns na meadhanan o chionns gun tuirt e "Arriba España!" (Suas leis an Spàinn ann an [[Spàinntis]]) nuair a chuir e fàilte air [[Charles de Gaulle]], ceann-suidhe na [[An Fhraing|Frainge]] aig an àm.<ref>David Bushnell, The Making of Modern Colombia: A Nation in Spite of Itself, University of California Press, 1993, ISBN 9780520082892</ref>