An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Teamplaid:Artagail taghta"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 1:
[[Faidhle:Julio César Turbay.jpg|thumb|Julio César Turbay Ayala ]]
[[Faidhle:Mitchell Lane, Glasgow 10A329.jpg|thumb|"An Taigh-solais", togalach Glasgow Herald Theàrlaich Rennie Mac an Tòisich ]]<!-- don't tell anybody, but the previous image was actually available on the Commons, properly licensed if anybody had bothered to look -->
B' e fear-[[poileataigs]] à [[Coloimbia]] bh’ ann an '''Julio César Turbay Ayala''' ([[Bogotá]], [[18 an t-Ògmhios]] [[1916]], ibidem, [[13 an t-Sultain]], [[2005]]). Bha e na cheann-suidhe Choloimbia eadar [[7 an Lùnastal]] [[1978]] agus 7 an Lùnastal [[1982]]. Bhuineadh Turbay do [[Teaghlach|theaghlach]] in-imrich: b' ann à [[Leabanon]] a bha [[athair]], ged a rugadh a [[màthair|mhàthair]] ann an Coloimbia. Cha deach e idir dhan oilthigh, ged a fhuair e dotaireachd ''honoris causa'' à [[Oilthigh an Rosario]]. Phòs e aig nighean a pheathar, Nydia Quintero Turbay à [[Neiva]] ann an [[1948]] agus rug i ceathrar duine-cloinne dha. Dhealaich iad ann an [[1983]]. Phòs e a-rithist ann an [[1987]], an turas seo aig Amparo Canal Sandoval. Chaidh a nighean, Diand Turbay, a mharbhadh le [[Pablo Escobar]].
 
‘S e ball [[Pàrtaidh Libearalach Choloimbia|a’ Phàrtaidh Libearalaich Choloimbia]] a th’ ann Turbay agus bha e an lùib poileataigs aig àrd ìre fad a bheatha. Thoisich e mar chomhairliche ann an [[1938]] ann an [[Engativá]], air sàilleabh gu robh e an lùib gluasad poileataigeach air an robh ''Revolución en Marcha'' ([[Gàidhlig]]: Ar-a-mach air an t-Slighe) agus e gu math dlùth air [[Alfonso López Pumarejo]]. B' e [[Deachdaire|deachdaireachd]] an Airm a thug piseach airsan ann an saoghal poileataigeach na dùthcha. Bha e na mhinistear nam Mèinn agus a' Pheatrail eadar [[1957]] agus [[1958]] fo [[Gabriel Paris Gordillo]]: na mhinistear nan Dùthchannan Cèin eadar 1958 agus [[1961]] fo [[Carlos Lleras Camargo]]. A bharrachd air sin, b' e riochdair dioplòmasach a bh' ann cuideachd: bha e na thosgaire thall thairis ann am [[Breatainn]] ([[1973]] - [[1975]]), anns [[Na Stàitean Aonaichte]] (1975 - [[1976]]), ann an [[Cathair na Bhatacain]] ([[1987]] - [[1989]]) agus anns [[An Eadailt]] ([[1991]] - [[1993]]). Chaidh a thaghadh na cheann-suidhe agus, a rèir an lagha aig an àm, chan d’ fhuair e ach teirm san dreuchd. Bha e gu math connspaideach agus dh’fhàgadh airsan gu robh e lag a thaobh FARC. [[Julio César Turbay Ayala|...leugh an corr]]
‘Se [[pàipear-naidheachd]] ''broadsheet'' Beurla a th’ anns '''''An Herald'''''. Bidh e air fhoillseachadh air Diluain gu Disathairne ann an [[Glaschu]].
 
Is è aon de na pàipearan-naidheachd Beurla as sine anns an t-saoghal. Chaidh an pàipear fhoillseachadh an toiseach ann an 1783 leis an t-ainm ''Glasgow Advertiser''. B' e Iain Mennons a' chiad deasaiche.
 
Dh’atharraich e an t-ainm aige dhan an ''Herald and Advertiser'' ann an 1802 agus an deidh sin gu ''Glasgow Herald'' ann an 1805. Chaidh e làitheil ann an 1859. Ghluais am pàipear do thogalach [[Teàrlach Rennie Mac an Tòisich|Theàrlaich Rennie Mac an Tòisich]] air Sràid Mitchell ann an 1868. ‘Se an togalach seo an Taigh-solais a-nis, an t-Ionad Albannach airson Ailtearachd, Dealbhadh agus am Baile.
 
Cheannaich Sir Eòghann Friseal am pàipear ann an 1964 agus an-sin, ghabh Tiny Rowland seilbh air ann an 1979 le Lonrho PLC.
 
Ghluais am pàipear do oifigean ùr air Sràid Albion ann an 1980. Bha iad air a dhealbh coltach ri togalach ''Black Lubyanka'' an ''Daily Express'' ann an [[Lunnainn]] [[An Herald|...leugh an corr]]
 
<noinclude>