An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Belisario Betancur Cuartas"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 26:
Thoisich e ann am Poileataigs mar chomhairliche ann an Antioquia eadar [[1945]] agus [[1947]].<ref>[http://www.asia-abba.org/documentos/destacados/Roberto_Urdaneta_Arbelaez.pdf Asia]</ref> Bha tòrr eòlasan aig san Riaghaltas: bha e na Mhinistear an Fhoghlaim fo [[Alberto Lleras Camargo]] fad corra mìos ann an [[1960]]: na mhinistear na h-Obrach fo [[Guillermo León Valencia|Ghuillermo León Valencia]] bho [[1962]] gu [[1963]].<ref>Gobernantes Colombianos, Ignacio Arismendi Posada, Interprint Editors Ltd., Italgraf, Segunda Edición, Bogotá, Colombia, [[1983]]</ref> A bharrachd air sin, chuir e seachad dà bhliadhna thall thairis na thosgaire san [[An Spàinn|Spàinn]], bho [[1975]] gu [[1977]]. B' esan an aon bhall-chruinneachaidh a thug taic do [[Mariano Ospina Pérez|Mhariano Ospina Pérez]] an aghaidh [[Gustavo Rojas Pinilla|Ghustavo Rojas Pinilla]]. Bha e na thagriache neo-oifigeil an aghaigh [[Misael Pastrana Borrero|Mhisael Pastrana Borrero]] ann an [[1970]], ach chaill e.
 
Chaidh Betancur a thaghadh ann an 1982, mu dheireadh thall.<ref>Carrizosa Argáez, Enrique (1990). Linajes y bibliografías de los gobernantes de nuestra Nación 1830-1990. Bogotá: Kelly 958-9004-08-3.</ref> B' fheudar dha dèiligeadh ri iomadh dùbhlan nuair a bha e os cionn an Riaghaltais. Ghlac buidheann cheannarcach, air an robh M-19, an àrd-chùirt: Cha do rèitich betancur riutha agus thug e ordughan dhan [[Arm]]: chaochail mòran ann am batal eadar [[saighdear|saighdearan]] agus Reubaltaich.<ref>[http://www.voltairenet.org/article122366.html Voltare]</ref> Chaidh còrr is 25,000 duine a mharbhadh nuair a spreadh [[Beinn-theine|a' beinn-teine]] ''Nevado del Ruiz'' ann an [[1985]], a rinn sgrios air [[Armero]]: dh'fhàgadh air an Riaghaltas gu robh laigsean mòra anns dòigh a dhèilig iad ris an t-suidheachadh.<ref>Alejandro Reyes Posada, Guerreros y Campesinos, El Despojo de la Tierra en Colombia, Editorial Norma, 2009.</ref> Dhiùlt esan Cupa na Cruinne a chumail: thuirt e nach b' urrainn do Choloimbia am farpais fhaighinn agus gu robh esan airson an t-airgead a' caitheamh ann an leasachadh na dùthcha. 'S e Colombia an aon dùthaich a dhiùlt am farpais fhaighinn a-riamh.<ref>[http://elpais.com/diario/1982/10/26/deportes/404434808_850215.html El País]</ref>
 
== Ministearan ==