An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Gàidhlig"

Content deleted Content added
b Mearachdan gràmarach am fo-thiotal an deilbh
Loidhne 53:
Anns na bliadhnaichean moch anns an 16mh linn, dh' atharraich na Goill ainm na Gàidhlig bho Scottis gu "Erse" (agus sin a' ciallachadh Èireannach). Chleachdadh "Scottis" bhon uair sin mar ainm airson buidheann de [[dual-chainnt|dhual-chainntean]] a dh' fhàs bho Bheurla Meadhan Aoisean (Middle English) a bha ga bruidhinn am broinn [[Rìoghachd na h-Alba]]). Chruthaich sin sgaradh eadar na daoine ann an Alba aig an àm agus chunnacas na Gàidheil mar sluagh chèin.
 
[[Faidhle:Sgurr alasdair.jpg|thumb|left|320px|Sgùrr Alasdair, a' bheinn as àirde san Eilean Sgitheanach. Tha iomadh bennbeinn annsann an Alba air a bheil ainm Gaidhlig.]]
Chrìon an cànan gu mòr le sgiùrsadh nan Gaidheal an dèidh [[Blàr Chuil Lodair]] an [[1746]]. Air sgàth 's gun do dh' fhàs na Cinn Cinnidh nan uachdarain às dèidh Blàir Chuil Lodair, dh' fhàs sgaradh eadar na daoine agus na h-uaislean. Bha na uaislean a' measgachadh le muinntir an Deas, a' bruidhinn Beurla agus ghabh iad thairis cleachdaidhean Gallda. Mar sin chaidh iad an ceangail ri muinntir na Gàidhealtachd a dh'fhàs bochd. Chuir an ''[[Scottish Society for the Propagation of Christian Knowledge]]'' (SSPCK) sgoiltean air a' Ghàidhealtachd gus cur às do cleachdaidhean Gàidhealach agus cànan nan Gàidheal. Bha iad den bheachd gun robh sin a' dèanamh math do muinntir na Gàidhealtachd. Bhon sin bha droch inbhe aig a' Ghàidhlig, oir cha robh ach na daoine bochda ga bruidhinn, agus na daoine cumhachdail a' bruidhinn na Beurla. San 19mh linn bha àireamh nan daoine agus le sin an luchd-labhairt a' crìonadh gu luath air sgàth [[Fuadach nan Gàidheal|Fuadaichean na Gaidhealtachd]].