An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Ernesto Samper"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 1:
’S e [[eaconomaidh|eaconomaiche]] agus fear-[[poileataigs]] à [[Coloimbia]] th’ ann an '''Ernesto Samper Pizano''' ([[Bogotá]], [[24 an Dàmhair]] [[1950]]).<ref>[http://www.ernestosamperpizano.com/Biografia.html Ernesto Samper]</ref> Bha e na cheann-suidhe ColoimbiaCholoimbia eadar [[7 an Lùnastal]] [[1994]] agus 7 an Lùnastal [[1998]] agus tha e a’ buntainn do [[Teaghlach|theaghlach]] [[Uachdaran]] uabhasach cumhachdail.<ref>[http://www.interconexioncolombia.com/documentos/genealogia/tomo4/1.%20GENEALOGIA%20COLOMBIANA/1-4%20%20ERNESTO%20SAMPER%20PIZANO%20FAMILIARES%20Y%20PARENTELA.pdf Interconexión Colombiana]</ref>  B’ e [[bard]] ainmeil a bh’ ann a shin-sheanair, [[Jorge Fallon]]. Chaidh Samper Pizano dhan Oilthigh Javeriana ann am Bogotá agus dhan [[Oilthigh Cholumbia]] ann an [[Eabhraig Nuadh (baile)|Eabhraig Nuadh]]. Phòs e aig Silvia Arbeláez à Bogotá ann an [[1972]] agus rug i dithis duine-cloinne dha.<ref>[http://www.colombia-sa.com/presidentes/ernesto_samper.html Colombia S.A.]</ref> Dhealaich iad ann an [[1975]] agus phòs e a-rithist ann an [[1979]], an turas seo aig Jacquin Strouss Lucena, à [[Medellín]]. Rug i dithis balach eile dha.  S’ iad boireannaich gu math beairteach a bh’th’ annta, a bhuineas gu clas sòisealta àrd.
 
‘S e ball [[Pàrtaidh Libearalach Choloimbia|a’ Phàrtaidh Libearalaich Choloimbia]] a th’ ann Samper Pizano agus tha e air a bhith an lùib poileataigs aig àrd ìre fad a bheatha. Chaidh e dhan t-Seanadh ann an [[1986]] agus bha e na sheanadair gu ruige [[1990]]. Fhuair e [[bliadhna]] na mhinistear Leasachadh Eaconomach eadar 1990 agus [[1991]] fo [[César Gaviria]] agus an uair sin chaidh e thall thairis na thoscair anns [[An Spàinn]]. Thill e a Choloimbia ann an [[1993]]. An ceann bliadhna chaidh a thaghadh na cheann-suidhe agus, a rèir an lagha aig an àm, chan d’ fhuair e ach teirm san dreuchd. Bha e gu math connspaideach agus dh’fhàgadh airsan gun d’fhuair e [[airgead]] o luchd-reic drogaichean à [[Cali]] airson an iomairt phoileataigeach aige a mhaoineachadh. Thuirt [[Andrés Pastrana]], an ath cheann-suidhe, gu robh fianais ann, teipichean na measg, a dhearbhadh gun tug na luchd-reic drogaichean còrr is $6 muillean dòlar dha. B’ e sganal mòr a bh’ ann a rinn cròn air ach cha do deach e idir gu [[taigh-cùirte]] air sàilleabh gu robh dìonachd o chasaid aige. Tha Samper a-nis nma leas cheann-suidhe UNASUR, agus bha e os cionn NAM eadar [[1995]] agus [[1998]].