An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Tomás Carrasquilla"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 16:
B' e duine macanta bochd a bh' ann: na thàillear, na rùnaire san [[taigh-cùirte]], na fhear-stoc ann am mèinn agus na chlèireach ann am Ministrealachd na h-Obrach Phoblach. A dh'aindeoin sin, leughadh e fad an t-siubhail agus b' e deagh ùghdar inntinneach a bh' ann cuideachd, a thug buaidh mhòr air a' ghinealach a lean e.<ref>Barrera Sánchez, Luis Carlos (1986-1992). Suplementos acerca de la vida y obra de Tomás Carrasquilla. Santo Domingo: Periódico Vanguardia Dominicana</ref> Cha robh Carrasquilla idir ainmeil nuair a bha e fhathast beò, mar a thuirt Federico de Onís, a tha na eòlaiche Carrasquilla. B' fheudar dha feitheamh gu ruige [[1936]], nuair a bha e 68 ans, mus an do bhuannaich e an Duais Nàiseanta ann an Litreachas. Thug ainm dhan Leabharlann Tomás Carrasquilla.
 
Thug [[Cogadh na Mìle Làithean]] bacadh air a chuid fhoghlaim san [[Oilthigh Antioquia]].<ref>[http://www.banrepcultural.org/blaavirtual/ninos/relatoi/rela6.htm Banrepcultural]</ref> B' e intellectuel engagé a bh' ann an Carrasquilla agus chuireadh e air dòigh ''Tertulias'' (cruinneachaidhean far a bhruidhinneadh mu leabhraichean) san [[taigh]] aige ann am Medellín. Ghabhadh mòran inntleachdach òg pàirt annta agus fiù's chanadh ''Maighstir Tomás Carrasquilla'' ris. Bha am feallsanaiche [[Fernando González (ùghdair)|Fernando González Ochoa]] uabhasach deidheil air Carrasquilla. Thug e buaidh mhòr air [[Fernando Vallejo]] cuideachd.
 
Bha Onís<ref>De Onís, Federico (1970). Prólogo a Cuentos de Tomás Carrasquilla. Medellín: Bedout</ref> dhen beachd nach robh for aig duine sam bi ann an Coloimbia agus thall thairis air na rinn e aig an àm air sàilleabh gu robh Carrasquilla beò dìreach eadar da ghluasad eadar-dhealaichte ann an [[Aimearaga-Laideannach]]: ''costumbrismo'' (cleachdaidhean) agus ''romanticismo'' (romansachd) air an dara làmh agus, ''modernismo'' (modarnachd), a thog a ghuth an aghaigh costumbrismo. Bhathar dhen bheachd gu robh Carrasquilla a' gabhail ri costumbrismo, mar a thuirt Marín Bustos.<ref>[http://repositorio.utp.edu.co/dspace/bitstream/11059/5073/1/C8635M337.pdf UTP]</ref> Bha e dall fad iomadh [[bliadhna]] ach rinneadh obair-lannsa air ann an [[1934]] agus fhuair e a lèirsinn air ais. Cha chuireadh an doille bacadh airsan a thaobh leughadh agus sgrìobhadh.