An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Tobar an Dualchais"

Content deleted Content added
foillseachadh
No edit summary
Loidhne 1:
'S e pròiseact culturail a th' ann an '''Tobar an Dualchais / Kist o Riches'''. Chaidh Tobar an Dualchais a stèidheachadh gus clàran-fuaim [[Gàidhlig]] is [[Albais]] "a ghleidheadh ann an cruth didseatach, a chatalogadh agus a sgaoileadh air-loidhne".<ref name=":0">[http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/more Tuilleadh mu "Tobar an Dualchais"]</ref> Tha na clàran-fuaim a' tighinn bho [[Sgoil Eòlais na h-Alba]] aig [[Oilthigh Dhùn Èideann]], bho [[BBC Alba]], agus bho Chruinneachadh Chanaigh aig [[Urras Nàiseanta na h-Alba]].<ref name=":0" />
 
Chaidh Tobar an Dualchais a chur air chois mar phròiseact co-obrachaidh stèidhichte aig [[Sabhal Mòr Ostaig]]. Chaidh na clàran fhèin a chruinneachadh bho air feadh na h-Alba bho na 1930an a-mach. Chaidh an làrach-lìn fhoillseachadh airson na ciad uarach ann an 2010 agus tha a-nise còrr is 34,000 clàr rin cluinntinn oirre. Tha farsaingeachd mhòr air an làraich, a’ gabhail a-steach beul-aithris, òrain, ceòl, eachdraidh, bàrdachd agus sgeulachdan. Tha Tobar an Dualchais air aithneachadh mar ghoireas luachmhor airson foghlaim agus rannsachaidh ann an dualchas, cànanan is cultar na h-Alba. Tha an làrach ʼna goireas bunaiteach airson cùrsa ùir ann an Dualchas agus Cultar na h Alba a tha air a lìbhrigeadh eadar Sabhal Mòr Ostaig agus Oilthigh Dhùn Èideann. Tha mòran sheinneadairean agus luchd-ciùil cuideachd a’ dèanamh feum dhith.
 
Fhuair Tobar an Dualchais maoineachadh bho [[Bòrd na Gàidhlig|Bhòrd na Gàidhlig]], [[Sabhal Mòr Ostaig]], [[Oilthigh Dhùn Èideann]], [[Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean|Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean]] agus [[Riaghaltas na h-Alba]] ann an 2014.<ref name="TnD2014--viii">2014. ''Tobar an Dualchais: Ulaidh Nàiseanta/ Kist O Riches: A National Treasure'' deas. le Chris Wright (An t-Eilean Sgitheanach: Tobar an Dualchais)</ref>