An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Ceoltóirí Chualann"

Content deleted Content added
Chaidh duilleag le "B' e còmhlan-ciùil Èireannach a bh' ann an '''Ceoltóirí Chualann''' a bha air a stiùireadh le Seán Ó Riada eadar 1960 is 1969, 's bhon a th..." a chruthachadh
 
No edit summary
Loidhne 1:
B' e còmhlan-ciùil Èireannach a bh' ann an '''Ceoltóirí Chualann''' a bha air a stiùireadh le [[Seán Ó Riada]] eadar [[1960]] is [[1969]], 's bhon a thàinig [[The Chieftains]] an dèidh làimh. 'S ann ann an Cualann, sgìre taobh a-muigh [[Baile Àtha Cliath|Bhaile Àtha Cliath]], far an robh Ó Riada a' fuireach aig an àm, 's sin mar a chaidh an còmhlan ainmeachadh.
 
Bha na Ceoltóirí dha-rìribh cudromach ann an ath-bheòthachadh ceòl traidiseanta na h-Èireann.'S iad a chleachd am [[bòdhran]] a-rithist, inneal-ciùil faraim a tha fhathast fasanta bhon uair sin, is chluicheadh iad puirt le [[Toirdhealbhach Ó Cearbhalláin]].
 
A-rèir coltais, 's ann nuair a bha Seán Ó Riada a' lorg cheòladairean airson dealbh-chluich le [[Bryan MacMahon]] ris an canar ''The Song of the Anvil'' nuair a smaoinich e gum biodh e iomchaidh còmhlan-ciùil a chur air dòigh. Bhiodh iad ag ullachadh nam port aig taigh Sheáin, is bhiodh Paddy Moloney air a' phìob uilne, Sean Potts air an fhìdeag, Sonny Brogan air a' bhocsa agus John Kelly air an duiseil. Mar sin, thòisich iad anns an dearbh bhliadhna, is chluich iad a' chiad turas mar chòmhlan aig Féile Téatar Bhaile Átha Cliath san t-[[Sultain]] [[1960]], ann an tachartas ainmichte mar Reacaireacht an Riadaigh, is ghabh iomadh seinneadair is bàrd pàirt ann, marleithid [[Seán Ó Ríordáin]] agus [[Seán Ó Tuama]].
 
Bhiodh iad a' cluich an dèidh sin airson prògram rèidio a bh' aig Seán, Reacaireacht an Riadaigh, is dh'fhàs iad ainmeil air feadh na dùthcha.