An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Dòmhnall Grannd"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 6:
Chaidh e gu Bun-sgoil Dhuisdeil, an uair sin Àrd-sgoil [[Port Rìgh|Phort Rìgh]]. Bha e na oileanach aig [[Oilthigh Ghlaschu]] agus Colaiste Foghlaim Chnoc Iòrdain, far an do rinn e ceumannan MA agus Ed.B. An dèidh sin rinn e ceum BA aig Oilthigh Lunnainn. Bhuannaich e “Gorm” airson [[Camanachd]] aig Oilthigh Ghlaschu agus bha e ʼna chaiptean aig sgioba Ghlaschu an Eilein Sgitheanaich. Thòisich e a’ teagasg ann an 1926 aig Àrd-sgoil [[Ceann Loch Gilb|Cheann Loch Gilb]], agus an uair sin ann am bun-sgoiltean ann an Glaschu: Washington Street, Eastbank agus Broomhill. Ann an 1935 chaidh a chrùnadh mar [[bàrd|Bhàrd]] aig a’ [[Am Mòd Nàiseanta Rìoghail|Mhòd Nàiseanta]] ann an Dùn Èideann airson an dàin a sgrìobh e, “An Uilebheist is na Foghlamaich”. Ann an 1936 phòs e Mairead NicAonghais à [[Càrdainn Ros]]. Bha na pàrantan aicese bho Chamas Cros agus [[Cnòideart]]. Bha dithis chloinne aca, Innes agus Kirsteen.
 
Ann an 1951 bhuannaich e a’ chiad duais anns an fharpais bhàrdachd Ghàidhlig aig Comhairle Ealain na Breatainne. Bho 1951 gu 1954, ghabh e obair, pàirt-tide mar òraidiche Gàidhlig ann an Colaiste Chnoc Iòrdainn. Bha e an sàs ann an dràma Gàidhlig - bhuain e duais airson a' chleasaiche a b'fhearr, agus a' chiad duais dà thuras airson dealbh-chluich ùr. Bha e na stiùiriche-ciùil aig còisirean, mar eisimpleir Còisir Ghàidhlig Knightswood. Bha torr shuidheachaidhean oifigeil aige sna buidhnean Gàidhlig. Mar eisimpler Rùnaire agus Ceann-suidhe aig [[Comunn Sgitheanach Ghlaschu]], Ceann-suidhe aig [[Àitreabh nan Gàidheal]] 1958-1960, Ceann-suidhe aig [[An Comunn Gàidhealach]] 1965-1968, agus Rùnaire agus Ceann-suidhe aig a' [[A' Chòmhdhail Cheilteach|Chòmhdhail Cheilteach]]. Anns na seasgadan gu ma tric bha e na chraoladair agus na leughadair-naidheachd air Rèidio nan Gàidheil. Dheasaich e leabhraichean sgoile airson An Comann Gàidhealach agus cuideachd an iris aca, [[An Gàidheal]], 1962-1964. Mar an ceudna sgrìobh e uaireigin do Sruth agus [[Gairm]]. Ann an 1968, leig e dheth a dhreuchd agus thill e gu [[Camas Cros]] san [[An t-Eilean Sgitheanach|Eilean Sgìtheanach]]. Chaochail e nuair a bha e air làithean-saora ann an [[Ibiza]], air a' chiad latha den Gearran, 1970. Ann an 1971, dh'fhoillsicheadh taghadh den obair aige, ''Tìr an Àigh'', ann an Glaschu. Thug seo a-steach sgeulachdan goirid is dealbhan-cluiche is bàrdachd. Dh'fhuirich a bhantrach, Mairead, ann an Camas Chros dà bliadhn air fhichead an dèidh sin, ach chaochail i ann am [[Baile Eilidh]] ann an 2006.
 
Dh'fhuirich a bhantrach, Mairead, ann an Camas Chros dà bliadhn air fhichead an dèidh sin, ach chaochail i ann am [[Baile Eilidh]] ann an 2006. Tha an nighean aca, Kirsteen na seinneadair Gàidhlig ainmeil. Fhuair i am [[Bonn Òir a' Chomuinn Ghaidhealaich|bonn òir]] aig a' [[Am Mòd Nàiseanta Rìoghail|Mhòd Nàiseanta]] ann an 1964.
 
== Iomraidhean ==