An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Linn Mheadhanach na Cloiche"

Content deleted Content added
Chaidh duilleag le " Tha '''Meadhan Linn na Cloiche''' no '''Meso-liotaig''', bho 10,000 gu 5,000 bliadhna, a' dol air ais gu deireadh na Linne Deighe mu dheireadh. Aig an àm si..." a chruthachadh
 
No edit summary
Loidhne 5:
 
B' e sealgairean-tionail a bh' anns na daoine aig an àm. Bhiodh sealgairean-tionail a' sealg bheathaichean fiadhaich agus ag iasgach airson tòrr dhen bhiadh aca. Bhiodh iad cuideachd a’ cruinneachadh mheasan, chnothan, lusan, fhreumhaichean agus shligean airson am biadh atharrachadh beagan. Bha na sealgairean-tional sin cuideachd air tòiseachadh a’ callachadh bheathaichean a leithid [[crodh]] agus [[Caoraich|caoraich]].
 
==Làrach meadhan linn na cloiche aig [[Ceann Locha]] air [[Rùm]]==
 
Thug cladhach arc-eòlais aig Ceann Locha air Rùm dhuinn an fhianais as tràithe mu thuineachadh dhaoine ann an Alba. Sheall fianais deiteadh rèidio-carbon ann an Ceann Locha gu bheil daoine air a bhith an sin bho co-dhiù c.6600 RC. Chaidh cnothan calltainn loisgte agus na mìltean thar mhìltean de bhleideagan cloiche bho dhèanamh innealan a lorg aig an làrach. Dh’fhaodadh gu bheil fianais air tuill-bacain a' sealltainn fasgadh on ghaoith, pàirtean de bhothain de [[Seiche|sheiche]] is de bhacain no àitean-fasgaidh far am biodh daoine ann am Meadhan Linn na Cloiche a’ fuireach nuair a bha iad a’ tadhal san eilean.
 
O chionn mìltean de bhliadhnaichean bha daoine a' siubhal a [[Rùm]] air taobh siar Alba airson clach-fala a chruinneachadh gus innealan a dhèanamh. Chaidh nithean àrsaidh air an dèanamh de chloich-fala à [[Rùm]] a lorg aig làraich ann an [[Eige]], [[Canaigh]] agus san [[An t-Eilean Sgitheanach|Eilean Sgitheanach]] agus air làraich eile còrr is 70km on eilean.
 
==Tuilleadh Leughaidh==
* [https://web.archive.org/web/20150311074351/http://canmore.rcahms.gov.uk/en/site/22202/details/rum+farm+fields+kinloch/ [[RCAHMS]] Site Record], Kinloch, Rum (en)
 
{{bun}}