An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Linn Mheadhanach na Cloiche"

Content deleted Content added
Chaidh duilleag le " Tha '''Meadhan Linn na Cloiche''' no '''Meso-liotaig''', bho 10,000 gu 5,000 bliadhna, a' dol air ais gu deireadh na Linne Deighe mu dheireadh. Aig an àm si..." a chruthachadh
(Gun diofar eatarra)

Mùthadh on 15:10, 26 dhen Dàmhair 2015

Tha Meadhan Linn na Cloiche no Meso-liotaig, bho 10,000 gu 5,000 bliadhna, a' dol air ais gu deireadh na Linne Deighe mu dheireadh.

Aig an àm sin bha teòthachd an t-saoghail ag èirigh. Bha ìre na mara ag èirigh seach gun robh eigh-shruthan a’ leaghadh. Rè Meadhan Linn na Cloiche, gheàrr a' mhuir Èirinn far Bhreatainn agus far a' chòrr dhen Roinn Eòrpa. Bha coilltean a' còmhdach mòran dhen dùthaich.

B' e sealgairean-tionail a bh' anns na daoine aig an àm. Bhiodh sealgairean-tionail a' sealg bheathaichean fiadhaich agus ag iasgach airson tòrr dhen bhiadh aca. Bhiodh iad cuideachd a’ cruinneachadh mheasan, chnothan, lusan, fhreumhaichean agus shligean airson am biadh atharrachadh beagan. Bha na sealgairean-tional sin cuideachd air tòiseachadh a’ callachadh bheathaichean a leithid crodh agus caoraich.