An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Mordor"

Content deleted Content added
Ceanglaichean
No edit summary
Loidhne 1:
San t-saoghal fhaoinsgeulach aig [[J.R.R. Tolkien]], b' e '''Mordor''' (leis an fhuaimneachadh [ˈmɔrdɔr]; à '''Tìr Dhubh''' agus '''Tìr a' Dhubhair''' sna cànain [[Sindarin]] agus [[Quenya]] air leth) an ceàrn a bh' air a ghlacadh 's a cheannsachadh le [[Sauron]], ann an ceann an ear-dheas de thaobh an iar-thuath [[Middle-earth|Meadhain-Shaoghal]] gu taobh an ear air [[Anduin]], an abhainn mhòr. B' e [[beinn-theine]] ann am Mordor, [[Orodruin]], an cheannceann-uidhe a bh' aig [[Comann na Fàinne]] ('s an uairsin aig [[Frodo Baggins]] agus [[Sam Gamgee]]) nuair a bha iad air an turas gus cur às don [[Aon Fhàinne]].
 
Bha Mordor àraidh air sgàth nan trì [[callaid bheann|callaidean bheann]] àibheiseach ga chuairteachadh gu tuath, an iar agus gu deas air. Bha na beanntan an dà chuid a' dìon a' cheàrn bho ionnsaigh obann a dh'fhaodadh gin den mhuinntir mu thimcheall a thoirt air, agus a' bacadh oidhirpean-teichidh aig an fheadhainn ann am Mordor fhèin. Theirear gur e beinn-teine [[Stromboli]] a bha fa-near dha Tolkien nuair a chuir e Mordor fa chomhair a shùla.