An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Dùn Iubhair"

Content deleted Content added
Loidhne 22:
 
==Eachdraidh==
Chaidh caisteal a thogail an seo shuas air an dùn leis an [[teaghlach]] Ceannadach anns an [[13mh Linn]] Dh'fhàs iad gu math beairteach agus cumhachdail: phòs tè dhuibh aig [[Raibeart III, Rìgh Alba]] agus bha fear dhaibh na [[easbaig]] ann an [[Raibeart III, Rìgh Alba]].<ref>[http://www.undiscoveredscotland.co.uk/dunure/dunurecastle/index.html Undiscovered Scotland]</ref> Chumadh coinneamhan cudromach an seo ann an [[1429]] eadar Seumas Caimbeul agus Iain Mòr MacDhòmhnaill, far a chaidh an Dòmhnallach a mharbhadh, tachartas a dh'adhbhraich ar-a-mach.<ref>[http://www.turasg.com/2014/10/dunure-castle/# Turasg]</ref> Chuir [[Màiri I, Ban-rìgh na h-Alba]] seachad trì oidhcheannan sa chaisteal an seo eadar [[4 an Lùnastal]] agus [[6 an Lùnastal]] [[1563]]<ref>[http://www.mariestuartsociety.org/articles-dunure.php Marie Stuart Society]</ref> nuair a rinn i an treas turas aice dhan àirde an iar-dheas na h-Alba. BHa an caisteal fhèin na thobhta ann an [[1694]] ach lean am baile air mar port iasgaich.<ref>[http://canmore.org.uk/site/40938/dunure-castle Canmore]</ref> Chaidh cidhe ùr ceàrnagach a thogail ann an [[1811]] airson piseag a thoirt air gnothach an èisg. B' e an t-Iarla Cassillis a phàigh £50,000 airson na h-obrach air a' chidhe, a tha 3.7m a dhoimhne.<ref>Harvey, William. Picturesque Ayrshire. Dundee : Valentine and Sons. p. 30.</ref> Bha mu 30 duine an sàs anns na bàtaichean gu ruige na [[60an]]. Chan eil gin duibh ag obair an latha an-diugh.
 
==Iomraidhean==