An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Dùn Iubhair"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 16:
}}
 
‘S e [[baile]] beag dùthchasail agus [[port]] faisg air [[Am Magh Baoghail|a' Mhagh Bhaoghail]], ann an ceann deas [[Alba|na h-Alba]] a th’ ann an '''Dùn Iùbhair''' ([[Beurla]]/[[Beurla Ghallta]]: ''Dunure''). Tha e suidhichte eadar ìre na [[Muir|mara]] fhèin shìos aig a' chidhe agus 252m os cionn ìre na mara shuas air an leac,<ref>[http://www.fallingrain.com/world/UK/W4/Dunure.html Falling Rain]</ref> air an àirde an ear-dheas [[Comhairle Shiorrachd Àir a Deas|Shiorrachd Àir a Deas]] ([[Siorrachd Àir]] ro [[1975]]), eadar [[Allmhaigh]] agus [[Maideans]], ri taobh màthair-uisge na [[Linne Chluaidh]]. Tha e 10km air falbh bho [[Inbhir Àir]], 60km bho [[Glaschu|Ghlaschu]], 58km bhon [[An t-Sròn Reamhar|An t-Sròn Reamhar]] agus 116km bho [[Dùn Èideann|Dhùn Èideann]], prìomh-bhaile na [[Dùthaich|dùthcha]].<ref>[http://www.luftlinie.org/ Luftlinie]</ref> Tha 492 duine a’ fuireach anns a’ bhaile<ref>[http://www.scottish-places.info/towns/towndetails1116.html Scottish Places]</ref> agus 's e Beurla agus Beurla Ghallta a tha aig a’ mhòr-chuid dhuibh ann an Dùn Iùbhair. Tha [[Eaconomaidh]] a' bhaile gu math crochte air [[àiteachas]] agus [[turasachd]]. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoiltean idir ann agus le sin feumar a dhol dhan bhun sgoil ann am [[Fisherton]]<ref>[http://www.fisherton.sayr.sch.uk/ Fisherton Primary]</ref> agus dhan àrd-sgoil anns a' Mhagh Bhaoghail.<ref>[http://www.carrick.sayr.sch.uk/ Carrick Academy]</ref>
 
==Freumhan an Ainm==
A rèir eòlaichean [[freumh-fhaclachd|fhreumh-fhaclachd]], tha e coltach gur ann à ''Dùn'' agus ''iùbhar'' neo ''ùr'' a th' ann ainm an àite seo.<ref>[http://www.archive.org/stream/placenamesofscot00johnuoft/placenamesofscot00johnuoft_djvu.txt The Placenmes of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892]</ref> Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an [[7mh Linn]] agus bha an cànan fhathast beò san sgìre gus an [[18mh Linn]].<ref>Lorimer, W.L., "The Persistence of Gaelic in Galloway and Carrick", in Scottish Gaelic Studies, VI.2 ([[1949]]), pp. 114–36</ref> A bharrachd air sin, tha cruth na tìre a' toirt cuideam dhan teòiridh seo. Cha do chaochail an neach mu dheireadh a fhuair a' Ghàidhlig on ghlùn sa sgìre seo ach ann an [[1760]].
 
==Iomraidhean==
<references/>