An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Rùm"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 8:
Tha [[Ceann Locha]] ([[Beurla]]: ''Kinloch'') na [[clachan]] as motha anns an eilean, tha e suidhichte san àird an ear an eilean aig ceann ''Loch Scresort'', far a bheil am port-mara cuideachd. Tha Caisteal Cheann Locha faisg air a' bhaile a chaidh a thogail ann an 1900. 'S e "A' Bhrideanach" an t-àite as fhaide san iar dhen eilean. 'S e [[Askival]] (812 meatair/2,664 troigh) a’ [[beinn|bheinn]] as àirde a tha anns an eilean. Tha i suidhichte mu 5 cilemeatair san àird a deas Cinn Locha. Canar "Na Cuilthionnan Ruma" leis na beanntan anns an eilean, tha iad eadar-dhealaichte bho na [[An Cuiltheann|Cuiltheann]] anns an Eilean Sgitheanach.
 
AnnsA-rèir a’cunntas-sluaigh bhliadhna2011 2008tha bha timcheall air 3022 daoine a’ fuireach anns an eilean fhèin,<ref>[http://www.scotlandscensus.gov.uk/documents/censusresults/release1c/rel1c2tableA4.pdf National Records of Scotland 2011 Census] Earr-ràdh 2: ''Population and households on Scotland’s inhabited islands'' (PDF). Air a tharraing 10 an Lùnastal 2015</ref> tha iad uile ann an Ceann Locha. Tha an cuid as motha dhiubh ag obair mar rannsachair neo luchd-obrach airson ''Scottish Natural Heritage''. Tha iad ann còmhla leis an teaghlach aca, mar sin tha bun–sgoil beag ann le dìreach [[tidsear]] a-mhàin. Tha talla a’ bhaile, [[bùth]] agus oifis a’ phuist ann an Ceann Locha cuideachd, ach chan eil taigh-seinnse neo eaglais ann. <ref>[http://www.isleofrum.com/frequentlyaskedq.html "Frequently Asked Questions"] Isle of Rum community. a' tarraing air 27 an Dàmhair 2007.</ref> Tha an aiseag [[MV Loch Nibheis]] a’ ruith eadar [[Mallaig]] is [[Canaigh]], [[Eige]], Rùm is [[Eilean nam Muc]].
 
== Eachdraidh ==