An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "O-bon"

Content deleted Content added
Ceanglaichean
bNo edit summary
Loidhne 1:
Is e '''O-bon''' (お盆) fèis Iapanach a th' air a cumail, mar as trice, bhon 13mh latha chun an 15mh latha dhen Lùnastal. Air an dà latha seo, bidh teaghlaichean a' fàilteachadh anaman an sinnsearan air ais don t-saoghal seo fhèin. Bidh mòran bhùthan agus chompanaidhean a' dùnadh, agus faodar smaoineachadh air an àm seo mar an saor-làithean samhraidh. Bidh muinntir na h-[[An Iapan|Iapain]] a' tilleadh dhachaigh, air neo a' falbh air chuairt don mhuir, do na beanntan no a-null thairis. Ged a bhios a h-uile modh-còmhdhail fìor thrang agus sluagh mòr sna stèiseanan-rèile agus sna puirt-adhair, bidh [[Tokyo]] a' mealtainn beagan sìthe is foise airson na greise bige seo.
 
Aig baile, bidh luchd-na-fèise a' coimhead air dannsa traidiseanta, ris an abrar Bon-odori (盆踊り) no Dannsa Fèis nan Lòchran, agus air taisbeanaidhean demòra chleasan-teine mòra.