An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Aonghas Pàdraig Caimbeul"

Content deleted Content added
Loidhne 7:
 
==Litreachas==
Tha e air grunn leabhraichean a thoirt a-mach. Ann an 2001 chaidh urram [[Crùn na Bàrdachd]] a thoirt dha leis [[An Comunn Gaidhealach|a' Chomunn Ghàidhealach]] aig [[Mòd Nàiseanta Rìoghail|Mòd nan Eilean Siar]], agus anns a bhliadhna sin cuideachd fhuair e an duais chliùiteach 'Creative Scotland Award' bho Chomhairle nan Ealain. Tha e air a bhith na Sgrìobhaiche aig [[Sabhal Mòr Ostaig]] agus tha dreuchd [[Caidreachais Iain Mhic a' Ghobhainn]] aig [[Roinn na Gàidhealtachd]] air a bhith aige cuideachd.
Aon uair, chluich e ball-coise ann an [[Cuach na h-Alba]] aig [[Pàirce Hampden]] an aghaidh [[Queen's Park]]. Tha e fhèin ’s a bhean Liondsaidh a' fuireach ann an [[Slèite]] san Eilean Sgitheanach. Tha sianar chloinne aca. ’S e na sgrìobhadairean as fhearr leis [[Lev Tolstoj]], [[George Eliot]], [[Gabriel Garcia Marquez]], agus ’s e Alex Cropley aig [[C.B. Hibernian|Hibs]] an cluicheadair [[ball-coise]] as fheàrr a chunnaic e a' cluich beò.