An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Séamus Ennis"

Content deleted Content added
+ àite breith
Loidhne 6:
| AINM BREITHE =
| AINM-BAISTIDH =
| BREITH = [[Fionnghlas]], [[5 an Cèitean]] [[1919]]
| BÀS = [[5 an Dàmhair]] [[1982]]
| DÙTHCHAS = [[Èirinn]]
| CÈILE =
| MEADHAN =
Loidhne 15:
| CÒMHLAIN =
}}
 
 
B’ e ceòladair, seinneadair agus cruinniche-ciùil Èireannach a bh’ ann an '''Séamus Ennis''' ([[Gaeilge]]: Séamas Mac Aonghusa; [[5 an Cèitean]] [[1919]] – [[5 an Dàmhair]] [[1982]]), a bha cudromach air ath-bheothachadh na pìoba-uilne ann an 20mh Linn, a ghabh pàirt ann an stèidheachadh a’ bhuidhinn saor-thoilich Na Píobairí Uilleann, agus a chruinnich còrr is 2,000 òrain is puirt Èireannach le Coimisiún Béaloideasa Éireann.
Line 21 ⟶ 20:
 
== Teaghlach is Òigridh ==
 
Bha athair, James Ennis, na sheirbheiseach sìobhalta anns an Aill, [[Contae Átha Cliath]]. Ann an [[1908]] cheannaich e baga ann an [[Lunnainn]] le pìosan seann pìob-uilne le Coyne Pipemakers , is dh’ionnsaich e a cluiche. Ann an [[1912]] bhuannaich e duais le pìob-mhòr Èireannach (warpipes) anns a’ chiad àite, is duais eile anns an dàrna àite le pìob-uilne ann an co-fharpais Oireachtais, agus bha e air duais dannsa a bhuannachadh cuideachd. Ann an 1916 phòs e Mary Josephine McCabe, a bha na fìdhlear à Contae Mhuineacháin. Trì bliadhna an dèidh sin, ann an 1919, rugadh Séamus ann an [[Fionnghlas]], Contae Átha Cliath, am measg còig bràithrean is peathraichean eile (Angela, Barbara, Cormac, Ursula agus Desmond). Bhiodh athair, James, a’ cluiche le Fingal Trio, còmhla ri Frank O'Higgins air an fhìdheall agus John Cawley air an duiseil, is sheinneadh iad gu tric air an rèidio. Nuair a bha Séamus trì bliadhna deug, thòisich athair a theagasg cluiche na pìoba-uilne.
Chaidh Séamus gu Gaelscoil Cholmcille, agus gu Coláiste Mhuire, far an do dh’ionnsaich e Gàidhlig na h-[[Èirinn|Èireann]], a bhiodh cho feumail dha bliadhnaichean an dèidh làimh. Rinn e deuchainn airson a bhith na chlàrc, ach cha d’ fhuair e an obair, is e gun chosnadh nuair a bha e fichead.
 
== Three Candles Press ==
 
B’ e caraid teaghlach Ennis a bh’ ann an Colm Ó Lochlainn, a bha na neach-deasachaidh air Irish Street Ballads, is dh’fhastaidh e Séamus aig The Three Candles Press, nuair a thuirt e ris gun robh e gu falbh a [[Sasainn|Shasainn]] airson aonachadh ri Arm [[Breatainn Mhòr|Bhreatainn]]. Dh’ionnsaich Séamus mòran mu cheàrd clò-bhualaidh an sin, m.e. sgrìobhadh ciùil air sgòran, is rachadh e gu còisir Ghaeilge, An Claisceadal, a bha aig Colm fhèin. Ann an [[1942]], nuair a bha crìonadh-eaconomach ann air sgàth [[An Dàrna Cogadh|a' chogaidh]], thòisich Séamus obair ùr leis an Ollamh Séamus Ó Duilearge aig Coimisiún Béaloideasa Éireann, far am biodh e a’ cruinneachadh òran dìreach le peann, pàipear agus rothair. ‘S ann an sin nuair a chaidh e a Chonamara.
 
== A’ Cruinneachadh Òran ==
 
Bho [[1942]] gu [[1947]] chruinnich e òrain ann an Iar Mhumhain, [[Gaillimh]], Cabhán, Maigh Eo, [[Dun nan Gall]], Ciarraí, sna h-Eileanan Árainn agus sna h-[[Eileanan nan Gall|Eileanan Siar]] na h-[[Alba]]. A chionn ‘s gun robh [[Gàidhlig]] na h-Alba gu leòr aige, b’ urrainn dha a' mhòr-chuid de na h-òrain a chruinnich [[Iain Latharna Caimbeul]] a thar-sgrìobhadh. Bha Elizabeth Cronin cho measail air, 's gun do sgrìobh i sìos na h-òrain a bh’ aice mus deach e a chèilidh oirre, is bha deagh chòmhradh aca. A-rèir coltais bhiodh e gu math càirdeil ris na ceòladairean is seinneadairean ris an tachradh e. San Lùnastal 1947 thòisich e dreuchd mar neach-craolaidh airson Radio Éireann, is bha guth domhain làidir aige, a bha gu math freagarrach air an rèidio. Bha e na phreasantair, is chlàr e a’ chiad turas luchd-ciùil mar Willie Clancy, Sean Reid and Micho Russell. Ann an 1951, chaidh Alan Lomax agus Jean Ritchie à [[Ameireagaidh]] gus òrain is puirt a chlàradh, is bhiodh Séamus fhèin air a chlàradh an uair sin
Ghluais e a Lunnainn ann an [[1951]] airson obrachadh le Brian George air BBC, is rinn e prògram ris an canar “As I Roved Out” gu [[1958]], far am biodh e a’ siubhail air feadh Bhreatainn agus na h-Èireann gus ceòl traidiseanta a chlàradh. Phòs e Margaret Glynn ann an [[1952]], is bha dithis cloinne aca, Catherine agus Christopher.
 
== Ceòladair Proifeiseanta ==
 
An dèidh a chùmhnant le BBC a chrìochnachadh thòisich e obair neo-cheangailte ann an Sasainn, ach dhealaich e bho a bhean agus thill e a dh’ Èireann airson obrachadh le Teilifis Éireann, sianail a bha ùr aig an àm. Bha caitheamh air airson greis, ach dh’fhàs e slàn is b’ urrainn dha cluich aig “Newport Folk Festival” ann an [[1964]]. Fhuair e a’ phìob a cheannaich athair ann an [[1908]], is bhiodh e ga cleachdadh gu moiteil, airson puirt de sheòrsa sam bith a chluich. Bha e gu math comasach.
Chaidh Na Píobairí Uilleann a stèidheachadh ann an [[1964]] ann am Baile an Bhiataigh, is gun teagamh bha Séamus ann. Chomharraich iad cèilidh far an do chluich ceòladairean cliùiteach aig an àm, mar [[Breandán Breathnach]] is [[Liam Óg Ó Floinn]]. A-rèir na thuirt Séamus air agallamh, dh’iarr cuideigin port bhuaithe, is chosg e còrr is fichead mionaid airson a’ phìob a ghleusadh, pìob a bha an sin 130 bliadhna, ach cho fad sa bha e deiseil, chluich e fad uair, is chuir e iongnadh mòr air a h-uile duine a bha ann.
Line 42 ⟶ 37:
 
== Clàran ==
 
* ''The Bonny Bunch of Roses'' (1959)
* ''The Ace and Deuce of Piping'' (1961)
Line 57 ⟶ 51:
 
===Cruinneachaidhean (le ceòladairean eile)===
 
* ''Irish Pipe and Tin Whistle Songs (1994)
* ''[[Green Linnet]] 20th Anniversary Collection'' (1996)
Line 69 ⟶ 62:
* Going to the Well for Water: The Seamus Ennis Field Diary 1942-1946 [http://www.corkuniversitypress.com/Seamus-Ennis-Field-Diary-1942-1946-p/9781859184776.htm Co-chruinneachadh a leabhraichean-latha]
 
[[Roinn-seòrsa:Luchd-ciùil Èireannach|Séamus Ennis]]
 
[[Roinn-seòrsa:Luchd-ciùil Èireannach|Séamus Ennis]] [[Roinn-seòrsa:Ceòladairean le Gàidhlig|Séamus Ennis]] [[Roinn-seòrsa:Luchd-ciùil|Séamus Ennis]]