An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Séamus Ennis"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 31:
== A’ Cruinneachadh Òran ==
 
Bho [[1942]] gu [[1947]] chruinnich e òrain ann an Iar Mhumhain, [[Gaillimh]], Cabhán, Maigh, [[Dun nan Gall]], Ciarraí, sna h-Eileanan Árainn agus sna h-[[Eileanan nan Gall|Eileanan Siar]] na h-[[Alba]]. A chionn ‘s gun robh [[Gàidhlig]] na h-Alba gu leòr aige, b’ urrainn dha a mhòr chuid de na h-òrain a chruinnich [[Iain Latharna Caimbeul]] a thar-sgrìobhadh. Bha Elizabeth Cronin cho measail air, ‘s gun do sgrìobh i sìos na h-òrain a bh’ aice mus deach e, is bha deagh chòmhradh aca. a-rèir coltais bhiodh e gu math càirdeil ris na ceòladairean is seinneadairean ris a thachradh e. San Lùnastal 1947 thòisich e dreuchd mar neach-craolaidh airson Radio Éireann, is bha guth domhain làidir aige, a bha gu math freagarrach air an rèidio. Bha e na phreasantair, is chlàr e a’ chiad turas luchd-ciùil mar Willie Clancy, Sean Reid and Micho Russell. Ann an 1951, chaidh Alan Lomax agus Jean Ritchie à [[Ameireagaidh]]gus òrain is puirt a chlàradh, is bhiodh Séamus fhèin air a chlàradh an uair sin
Ghluais e a Lunnainn ann an [[1951]] airson obrachadh le Brian George air BBC, is rinn e prògram ris an canar “As I Roved Out” gu [[1958]], far am biodh e a’ siubhail air feadh Bhreatainn agus na h-Èireann gus ceòl traidiseanta a chlàradh. Phòs e Margaret Glynn ann an [[1952]], is bha dithis cloinne aca, Catherine agus Christopher.