An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Séamus Ennis"

Content deleted Content added
Loidhne 37:
 
An dèidh a chùmhnant le BBC a chrìochnachadh thòisich e obair neo-cheangailte ann an Sasainn, ach dhealaich e bho a bhean agus thill e a dh’ Èireann airson obrachadh le Teilifis Éireann, sianail a bha ùr aig an àm. Bha caitheamh aige airson greis, ach dh’fhàs e slàn is b’ urrainn dha cluich aig “Newport Folk Festival” ann an [[1964]]. Fhuair e a’ phìob a cheannaich athair ann an [[1908]], is bhiodh e ga cleachdadh gu moiteil, airson puirt de sheòrsa sam bith a chluich. Bha e gu math comasach.
Chaidh Na Píobairí Uilleann a stèidheachadh ann an [[1964]] ann an Baile an Bhiataigh, is gun teagamh bha Séamus ann. Chomharraich iad cèilidh far an do chluich ceòladairean cliùiteach aig an àm, mar [[Breandán Breathnach]] is Liam Óg Ó Floinn. A-rèir na thuirt Séamus air agallamh, dh’iarr cuideigin port bhuaithe, is chosg e còrr is fichead mionaid airson a’ phìob a ghleusadh, pìob a bha an sin 130 bliadhna, ach cho fad sa bha e deiseil, chluich e fad uair, is chuir e iongnadh mòr air a h-uile duine a bha ann.
Ged a bha e an sàs ann an pìobaireachd fad a bheatha, cha do stèidhich e sgoil a-riamh. Bhiodh e a’ fuireach còmhla ri i Liam Óg Ó Floinn gu toiseach nan 70an, ach cheannach e pìos talamh anns an Aill, far an do dh’fhuirich e ann an taigh-gluasaid gu 1982, nuair a chaochail e. Chluich e an turas mu dheireadh aig sgoil samhraidh a bha aig Willie Clancy ann an 1982, is an dèidh e bàsachadh, fhuair Liam Óg Ó Floinn a phìob-uilne.
Airson a chuimhneachadh, chaidh sràid ann an Fionnghlas agus ionad cultarail anns an Aill air an ainmeachadh mar Séamus Ennis.