An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Napoléon Bonaparte"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 20:
}}
 
Bha '''Napoleon Bonaparte''' ([[IPA]]: napɔleɔ̃ bɔnapaʁt, [[Ajaccio]], [[15 an Lùnasdal]] [[1769]] - [[Eilean Naomh Eilidh]], [[5 an Cèitean]] [[1821]])<ref>[http://www.lefigaro.fr/sciences/2007/02/07/01008-20070207ARTFIG90011-de_quoi_napoleon_est_il_mort.php Le Figaro]</ref> na Impire na Frainge agus na Sheanailear. Rugadh e ann an [[Corsaca]], far an robh a [[teaghlach|theaghlach]] a' fuireach. Bha [[athair]], Carlo Maria Buonaparte na neach-lagha,<ref>[http://www.ajaccio.fr/Histoire-de-Napoleon_a13.html La Ville d'Ajaccio]</ref> agus bha a [[màthair|mhàthair]], Maria Letizia Ramolino, ga bhrosnachadh nuair a bha e na bhalach beag gu rudan cudromach a dhèanamh anns an àm ri teachd.
 
Chaidh e gu Acadamaidh an Armailt ann am [[Paras]] nuair a bha e dìreach 14 [[bliadhna]]<ref>[]http://data.bnf.fr/12134154/ecole_royale_militaire_brienne-le-chateau__aube/ BNF]</ref> a dh'aois agus bhuannaich e urram is meas gu luath. Ann an [[1799]] bha e na sheanailear ann am Arm na Frainge ri linn [[Ar-a-mach na Frainge]], agus ged a chaill iad [[an Èipheit]],<ref>[http://www.napoleon.org/fr/salle_lecture/articles/files/campagne_Egypte.asp Fondation Napoleón]</ref> dh'fhàs Napoleon ainmeil am measg muinntir na [[An Fhraing|Frainge]], an dà chuid na beartaich is na bochd.
 
Bha e na Chonsal nuair a chuir e an tiotal air fhèin, “Ìompaire nam Frangach” còmhla ri a chiad bhean Josephine, air a' chiad latha den [[An Dùbhlachd|Dùbhlachd]] [[1804]]. Aig an àm sin bha cumhachd mhòr aige agus chuir e iomadh [[dùthaich]] fo smachd anns an [[Roinn Eòrpa]], neartaich e an siostam sòisealta is chruthaich e codex a chleachd mòran riaghaltasan mar eisimpleir às dèidh sin, fiù 's san latha an-diugh. Phòs e dà thuras: a' chiad turas bho [[1796]] gu ruige [[1809]] aig Joséphine de Beauharnais<ref>[http://www.femmescelebres.com/limperatrice-josephine-une-femme-mysterieuse/ Femmes Célèbres]</ref>, a bha seachd [[bliadhna]] na b' aosda na esan agus gu math trioblaideach agus an uair sin aig Marie Louise, Bana-dhìuc Pharma, bho [[1810]] gu ruige [[1814]].<ref>Geneviève Chastenet, Marie-Louise, l'impératrice oubliée, [[Paris]], J'ai lu,‎ [[1982]] ISBN 2-277-22024-8</ref>
 
Ach bha nàmhaidean cumhachdach na aghaidh. Impireachd na Breatainne, [[a' Phruis]] agus [[an Ruis]], agus chuidich iad dùthchannan eile airson na Frangaich a chuir air falbh. Chaill iad [[an Spàinnt]] ann an [[1812]]<ref>[http://www.abc.es/espana/20141101/abci-furia-espanola-desespero-napoleon-201410271410.html ABC]</ref> agus cha do chuir iad an Ruis fo smachd ann an [[1813]].<ref>[http://www.napoleon.org:81/fr/Template/chronologie.asp?idpage=481547&onglet=1 Fondation Napoléon]</ref> Thòisich crìonadh na Impireachd aig an àm a bha siud.
 
Mar sin, chaidh a fhògradh a dh'Eilean [[Elba]] ann an [[1814]] is thill Rìgh [[Louis XVI]] còrr is 15 bliadhna às dèidh an ar-a-mach mhòir. Ach ann an [[1815]] thill Napoleon dhan Fhraing gu mòr-thoilicheas an t-sluaigh, gus am blàr mu dheireadh ullachadh ann an Bhatarlù.<ref>[http://www.waterloo1815.be/ Waterloo]</ref> Anns a' Chèitean 1815 shabaid Napoleon an aghaidh a thrì nàmhaidean, ach cha robh e soirbheachail is chaidh a fhògradh a-rithist, an turas seo gu [[Eilean Naomh Eilidh]] far an do bhàsaich e sia bliadhna às dèidh sin ann an [[1821]]. Bha e dìreach 51.<ref>[http://www.lemonde.fr/sciences/article/2013/07/22/napoleon-ier-les-mysteres-d-une-tumeur-imperiale_3451104_1650684.html Le Monde]</ref>
 
==Iomraidhean==