An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Buachaille Èite Mòr"

Content deleted Content added
Duilleag ùr
(Gun diofar eatarra)

Mùthadh on 09:09, 10 dhen Iuchar 2015

'S e beinn mhòr no aonach ann an Gleann Comhann air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann am Buachaille Èite Mòr, Beurla: Buachaille Etive Mor. Tha druim fada aige, a tha a' sìneadh bhon ear-thuath dhan iar-dheas. Tha dà Bheinn Rothaich air: Stob Dearg (1,021m) agus Stob na Bròige (956m). Tha Stob Dearg ainmeil am measg luchd-streap agus bidh iad a' streap diofar slighean air taobh tuath na beinne, mar eisimpleir Crowberry Ridge agus Curved Ridge. Tha a' bheinn san deas air an rathad A82 tro Ghleann Comhann agus san iar air an rathad tro Ghleann Èite. Tha a h-aghaidh ainmeil agus a' nochdadh ann an iomadh dealbh den ghleann.

Buachaille Èite Mòr

Buachaille Èite Mòr
Àirde (m) 3,349
Àirde (tr) 1,021
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Buachaille Èite Mòr is located in Alba
Buachaille Èite Mòr
Buachaille Èite Mòr (Alba)
Suidheachadh Gleann Comhann
Mapa cumadh-tìre Landranger 41
Comharradh-clèithe NN22275423

Mar as trice bithear a' dèanamh air a' bheinn seo bhon rathad A82 aig Allt na Feadh, agus a' dìreadh Coire na Tulaich. dh'fhaodadh an uair sin dìreadh an dà Bheinn Rothaich, tilleadh dhan bhealach agus cromadh tro Coire Altruim[1].

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air leth air Buachaille Èite Beag, Bidean nam Bian, An t-Aonach Eagach, Beanntan Ceann Loch Lìobhann, Beinn Nibheis, agus am Blackwater Reservoir.

Iomraidhean

  1. Buachaille Èite Mòr air Walkhighlands

Ceanglaichean a-mach

 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: