An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Sòrbais"

Content deleted Content added
No edit summary
tòrr cheanglaichean
Loidhne 23:
| Teacsa = Roinnean anns a' Ghearmailt, far a bheil Sòrbais ga bruidhinn
}}
Is e [[cànan]] [[Indo-Eòrpais|Indo-Eòrpach]] a tha ann an '''Sòrbais'''. Tha an cànan a’ buntainn do theaghlach nan cànanan [[Na Slàbhaich|Slàbhach]]. San eachdraidh bha ainmean eile air: ''Wendish'' neo ''Lusatian''. 'S e "''wen''" an còd ISO 639-2 a tha air.
 
Tha Sòrbais ga bruidhinn air a' chrìoch eadar [[a' Phòlainn]] agus [[a' Ghearmailt]] agus ann am [[Brandenburg]] cuideachd.
Loidhne 31:
Tha dà chànan ann: [[Sòrbais Uarach]] (hornjoserbsce, Beurla: ''Upper Sorbian'') agus [[Sòrbais Ìosal]] (dolnoserbski, Beurla: ''Lower Sorbian'').
Tha Sòrbais Uarach ga bruidhinn ann an [[Sagsainn]] le gu bhith 13,300 duine agus tha Sòrbais Ìosal ga bruidhinn ann am [[Brandenburg]] le gu bhith 6,670 duine.
Canar ''Lusatia'' (Łužica ann an Sòrbais Uarach, Łužyca ann an Sòrbais Ìosal, neo [[Lausitz]] anns a' [[Gearmailtis|Ghearmailtis]]) ris an àite, far am bi an dà chànan a' bhruidhinn. Tha Sòrbais dlùth-chàirdeach don t-[[Seacais]], don t-[[Slòbhacais]] agus don Phòlainnis ach anns na làithean an-diugh, tha buaidh làidir aig a' [[Gearmailtis|Ghearmailtis]] oirre cuideachd. Nochd Sòrbais mar chànan anns an litreachas airson a' chiad turas anns an siathamh linn.
 
== Eachdraidh a' chànain ==
 
'S e sluagh slàbhach an Iar a th' ann na Sorbaich, sluagh gun [[dùthaich]] neo stàit aige fhèin. Anns an siathamh linn, thàinig na sinnsearan de na Sòrbaich dhan Ghearmailt, dhan sgìre taobh an ear an dà abhainn Elbe agus Saale.Thug iad an t-ainm Lausitz dhan sgìre. Ged a bha 20 geug eadar-dhealaichte aig an t-sluagh, cha robh ach na Lusici agus na Milzener comasach thairis air na linntean, air am fein-aithne a ghlèideadh. Thàinig [[tuathanach|tuathanaich]] eile bho fhead na dùthachadùthcha, gu h-àraidh na Sagsannaich, na Flannraich, [[Thüringen|Tùiringaich]] agus na Frangan. Thairis air na linntean dh'fheuch cha mhòr gach riaghaltas ri bacadh a chur air Sòrbais. Anns an [[13mh Linn|treas linn deug]], bha Sòrbais toirmisgte anns na [[baile mòr|bailtean mòra]] agus chaidh riaghailtean a stèidheachadh taobh a-staigh nan comainn-cheàrd gum bu chòir dhan Ghearmailtis a bhith aig na daoine nan robh iad ag iarradh obair. Bhon t-[[17mh Linn|seachdamh linn deug]] a-mach, bha leasachadh an aghaidh na Sòrbais ri fhaicinn cuideachd oir bhathar den bheachd gun robh Sòrbais coltach ri [[mion-chànanan]] eile cunnartach agus bhathar ag iarraidh [[Impireachd na Gearmailte|Ìmpireachd na Gearmailt]] a dhìon. Co-dhiù, dh'fhàs aireamhàireamh de na Sòrbaich agus bha a bharrachd ach dà cheud mìle duine a' bruidhinn na Sòrbais mar chànan màthareilmàthaireil. Air sgàth 's gun robh Sòrbais aig a' mhòrchuid ann an Lusatia, bha tionnadhtionndadh gluasad cànain ri fhaicinn anns an [[19mh Linn|naoidheamh linn deug]] agus bha na daoine moiteil às an canan. Ach aig an aon àm, chaidh còirichean an aghaidh na Sòrbais a stèidheachadh leis a' [[A' Phruis|Phruis]]. Thòisich na pàipearean-naidheachd air crìonadh agus bha Sòrbais toirmisgte anns na sgoiltean. Eadar 1921-1945 bha Sòrbais gu tur toirmisgte agus chaidh Sòrbaich a b' àirde inbhe a phrìosanachadh. Às dèidh an [[An Dàrna Cogadh|darna cògaidh]] bha Lusatia na phàirt den raon [[Aonadh Sobhiat|Sovietach]] agus bhon àm sin, fhuair na Sòrbaich taic airson an cànan a chleachdadh anns na roinnteanroinnean poblach. Às dèidh 1989 chaidh còirichean a stèidheachadh airson Sòrbais a dhìon.
 
== Foghlam ==
 
Tha còir aig gach clann[[pàiste]] air [[foghlam]] tro mheadhan na Sòrbais fhaighinn an dòchas gun tig a h-uile sgoilear gu filteantachdfileantachd phragtaigeach anns an dà chànan, Sòrbais agus a' Ghearmailtis. A bharrachd air sin thèid Sòrbais a thoirt seachad mar chuspair fa leth aig bun-sgoiltean eile. Thèid Sòrbais a theagasg aig ceithir àrd-sgoiltean agus tha dà sgoil-chòmhnaidh ann cuideachd ann an [[Cottbus ]] agus ann am [[ Bautzen ]] . A bharrachd air sin thèid [[ceòl|ceòl tradaiseanta]], [[bàrdachd]] agus [[dannsa]] tradaisenta a thoirt seachad airson cultar nan Sòrbach a neartachadh. Chaidh coimeas a dhèanamh eadar sgoiltean gun Sòrbais agus feadhainn le Sòrbais agus fhuaireadh a-mach gun robh an aon irèìre aig na sgoiltean neo bha na sgoilearan na b' fheàrr aig a bheil Sòrbais.
 
== Inbhe a' chànain ==