An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Sòrbais"

Chaidh 798 baidht a chur ris ,  5 bhliadhnaichean air ais
gun ghearr-chunntas deasachaidh
 
'S e sluagh slàbhach an Iar a th' ann na Sorbaich, sluagh gun dùthaich neo stàit aige fhèin. Anns an siathamh linn, thàinig na sinnsearan de na Sòrbaich dhan Ghearmailt, dhan sgìre taobh an ear an dà abhainn Elbe agus Saale.Thug iad an t-ainm Lausitz dhan sgìre. Ged a bha 20 geug eadar-dhealaichte aig an t-sluagh, cha robh ach na Lusici agus na Milzener comasach thairis air na linntean, air am fein-aithne a ghlèideadh. Thàinig tuathanaich eile bho fhead na dùthacha, gu h-àraidh na Sagsannaich, na Flannraich, Tùiringaich agus na Frangan. Thairis air na linntean dh'fheuch cha mhòr gach riaghaltas ri bacadh a chur air Sòrbais. Anns an treas linn deug, bha Sòrbais toirmisgte anns na bailtean mòra agus chaidh riaghailtean a stèidheachadh taobh a-staigh nan comainn-cheàrd gum bu chòir dhan Ghearmailtis aig na daoine nan robh iad ag iarradh obair. Bhon seachdamh linn deug a-mach, bha leasachadh an aghaidh na Sòrbais ri fhaicinn cuideachd oir bhathar den bheachd gun robh Sòrbais coltach ri mion-chànanan eile cunnartach agus bhathar ag iarraidh Ìmpireachd na Gearmailt a dhìon. Co-dhiù, dh'fhàs aireamh de na Sòrbaich agus bha a bharrachd ach dà cheud mìle duine a' bruidhinn na Sòrbais mar chànan màthareil. Air sgàth 's gun robh Sòrbais aig a' mhòrchuid ann an Lusatia, bha tionnadh gluasad cànain ri fhaicinn anns an naoidheamh linn deug agus bha na daoine moiteil às an canan. Ach aig an aon àm, chaidh còirichean an aghaidh na Sòrbais a stèidheachadh leis a' Phruis. Thòisich na pàipearean-naidheachd air crìonadh agus bha Sòrbais toirmisgte anns na sgoiltean. Eadar 1921-1945 bha Sòrbais gu tur toirmisgte agus chaidh Sòrbaich a b' àirde inbhe a phrìosanachadh. Às dèidh an darna cògaidh bha Lusatia na phàirt den raon Sovietach agus bhon àm sin, fhuair na Sòrbaich taic airson an cànan a chleachdadh anns na roinntean poblach. Às dèidh 1989 chaidh còirichean a stèidheachadh airson Sòrbais a dhìon.
 
== Foghlam ==
 
Tha còir aig gach clann air foghlam tro mheadhan na Sòrbais fhaighinn an dòchas gun tig a h-uile sgoilear gu filteantachd phragtaigeach anns an dà chànan, Sòrbais agus a' Ghearmailtis. A bharrachd air sin thèid Sòrbais a thoirt seachad mar chuspair fa leth aig bun-sgoiltean eile. Thèid Sòrbais a theagasg aig ceithir àrd-sgoiltean agus tha dà sgoil-chòmhnaidh ann cuideachd ann an [[Cottbus ]] agus ann am [[ Bautzen ]] . A bharrachd air sin thèid ceòl tradaiseanta, bàrdachd agus dannsa tradaisenta a thoirt seachad airson cultar nan Sòrbach a neartachadh. Chaidh coimeas a dhèanamh eadar sgoiltean gun Sòrbais agus feadhainn le Sòrbais agus fhuaireadh a-mach gun robh an aon irè aig na sgoiltean neo bha na sgoilearan na b' fheàrr aig a bheil Sòrbais.
 
== Inbhe a' chànain ==
14

deasachaidhean