An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Sòrbais"

Content deleted Content added
Loidhne 62:
== Planadh-cànain ==
 
Tha an saor-stàit Sagsainn air planadh-cànain airson na Sòrbais a stèidheachadh. <ref>[https://publikationen.sachsen.de/bdb/artikel/19795 MassnahmeplanMaßnahmeplan ]</ref> Thathar den bheachd gu bheil e cudromach gum bi foghlam dà-chànach a leasachadh ann an Lausitz agus thathar ag iarraidh tuilleadh luchd-teagaisg ann an Lausitz airson dèanamh cinnteach gum bi foghlam tro mheadhan na Sòrbais a thoirt seachad san àm ri teachd. Thathar ag iarradh gum bi clasaichean-oidhche airson inbhich a' ruith. Bidh e cudromach gum bi an Sòrbais faicsinneach air na bailtean air fad. Anns a' cho-theagsa seo chaidh soidhnichean –rathaid a chur suas mar-thà, agus bidh tuilleadh a' leanntainn. A bharrachd air sin bu chòir dhon teicneolas ùr a bhith airson eadar-theangaidhean a toirt seachad. Thathar ag iarraidh gun tèid na Sòrbaich a bhrosnachadh airson an cànan aca a chleachdadh agus bheirear taic do fhoillsichearan, do thaighean-tasgaidh ùra a nì cultar, eachdraidh is ceòl faicsinneach.