An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Sòrbais"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 59:
 
A rèir nan Achdan seo bidh còir aig na Sòrbaich gun tèid seirbheis tro meadhan na Sòrbais a thoirt seachad dhaibh: Faodaidh na Sòrbaich Sòrbais a chleachadh mar chànan oifigeil aig a' chùirt agus mura bi Sòrbais aig an luchd-obrach an sin, feumaidh an saor-stàit Sagsainn neo Brandenburg eadar-theangadair fhrithealadh. Mar phàirt den dà Achd, chaidh sanasan-rathaid dà chànanach a chur suas agus chìthear iad anns an sgìre phoblach air fad: air an rathad, air beulaibh nan sgoiltean neo air na togalaichean poblach.
 
== Planadh-cànain ==
 
Tha an saor-stàit Sagsainn air planadh-cànain airson na Sòrbais a stèidheachadh. Thathar den bheachd gu bheil e cudromach gum bi foghlam dà-chànach a leasachadh ann an Lausitz agus thathar ag iarraidh tuilleadh luchd-teagaisg ann an Lausitz airson dèanamh cinnteach gum bi foghlam tro mheadhan na Sòrbais a thoirt seachad san àm ri teachd. Thathar ag iarradh gum bi clasaichean-oidhche airson inbhich a' ruith. Bidh e cudromach gum bi an Sòrbais faicsinneach air na bailtean air fad. Anns a' cho-theagsa seo chaidh soidhnichean –rathaid a chur suas mar-thà, agus bidh tuilleadh a' leanntainn. A bharrachd air sin bu chòir dhon teicneolas ùr a bhith airson eadar-theangaidhean a toirt seachad. Thathar ag iarraidh gun tèid na Sòrbaich a bhrosnachadh airson an cànan aca a chleachdadh agus bheirear taic do fhoillsichearan, do thaighean-tasgaidh ùra a nì cultar, eachdraidh is ceòl faicsinneach.