An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Sòrbais"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 50:
 
4. Tha iad a' cleachadh a' chànain, a' chultair agus na h-eachdraidh aca.
 
 
Tha dà chòir ann:
 
1. Achd Sagsannach nan Sòrbach
 
2. Achd mu rèiteachadh nan còraichean den t-sluagh Shòrbach ann am Brandenburg
 
A rèir nan Achdan seo bidh còir aig na Sòrbaich gun tèid seirbheis tro meadhan na Sòrbais a thoirt seachad dhaibh: Faodaidh na Sòrbaich Sòrbais a chleachadh mar chànan oifigeil aig a' chùirt agus mura bi Sòrbais aig an luchd-obrach an sin, feumaidh an saor-stàit Sagsainn neo Brandenburg eadar-theangadair fhrithealadh. Mar phàirt den dà Achd, chaidh sanasan-rathaid dà chànanach a chur suas agus chìthear iad anns an sgìre phoblach air fad: air an rathad, air beulaibh nan sgoiltean neo air na togalaichean poblach.