An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Dòmhnall Grannd"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 3:
== Beatha ==
Rugadh Dòmhnall Grannd air 25 am Faoilleach, 1903 ann an Camas Cros, Slèite, anns an Eilean Sgitheanach. B’ esan am fear a bʼ òige den chlann aig Dòmhnall Grannd ''(Dòmhnall ʼic Dhòmhnaill ʼic Iain ʼic Dhòmhnaill)'' agus Cairistìona Nic aʼ Phearsain ''(Cairistìona Ghileasbaig [Ruaidh] Sheumais Chaluim, 1867-1919)''. Bha bràthair aige, Aonghas, agus piuthar, Catrìona. Nuair nach robh e ach trì bliadhna dʼ aois, chaochail a athair ann an Rouen san Fhraing an-dèidh dha fàs tinn aig muir le grèim mionaich. Ach rud a thug buaidh na bu mhotha air, bʼ e gun do bhàsaich a mhàthair nur a bha e 16 bliadhna d’ aois<ref>[[An Tuil (Duanaire)|An Tuil]], 1999, air a dheasachadh le [[Raghnall Mac Ille Dhuibh]]</ref>.
 
Chaidh e gu Bun-sgoil Dhuisdeil, an uair sin Àrd-sgoil Phort Rìgh. Bha e na oileanach aig Oilthigh Ghlaschu agus Colaiste Foghlaim Chnoc Iòrdain, far an do rinn e ceumannan MA agus Ed.B. An dèidh sin rinn e ceum BA aig Oilthigh Lunnainn. Bhuannaich e “Gorm” airson Camanachd aig Oilthigh Ghlaschu agus bha e ʼna chaiptean aig sgioba Ghlaschu an Eilein Sgitheanaich. Thòisich e a’ teagasg ann an 1926 aig Àrd-sgoil Cheann Loch Gilb, agus an uair sin ann am bun-sgoiltean ann an Glaschu: Washington Street, Eastbank agus Broomhill. Ann an 1935 chaidh a chrùnadh mar Bhàrd aig a’ Mhòd Nàiseanta ann an Dùn Èideann airson an dàin a sgrìobh e, “An Uilebheist is na Foghlamaich”. Ann an 1936 phòs e Mairead NicAonghais à Càrdainn Ros. Bha na pàrantan aicese bho Chamas Chros agus Cnòideart. Bha dithis chloinne aca, Innes agus Kirsteen.
 
Ann an 1951 bhuannaich e a’ chiad duais anns an fharpais bhàrdachd Gàidhlig aig Comhairle Ealain na Breatainne.
 
== Iomraidhean ==