An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Flòraidh NicNèill"

Content deleted Content added
+ ceann latha breith
ups, ceann-latha a rèir an iomraidh
Loidhne 1:
[[File:Flora Macneil.jpg|thumb|Flòraidh NicNèil aig Iùl Ciùil ann an 2006]]
 
Bha '''Flòraidh NicNèill''' (Beurla: ''Flora MacNeil'') ([[6 an Dàmhair]] [[1928]] - [[1615 an Cèitean|1615 an Céitean]] [[2015]])<ref>{{cite web|url=http://www.theguardian.com/music/2015/may/20/flora-macneil|title=Flora MacNeil obituary|author=Brian Wilson|accessdate=14.06.2015|newspaper=The Guardian|date=20.05.2015}} (Beurla)</ref> ’na seinneadair Gàidhlig a rugadh agus a thogadh ann an [[Barraigh|Eilean Bharraigh]]. Rugadh i air an Leideig, faisg air [[Bagh a' Chaisteil]], ann an 1928. Bha seinneadairean air gach taobh dhen teaghlach, ach bhiodh i fhèin ag ràdh gur ann bho thaobh a màthar gu sònraichte a thug i am beartas òran a bha aice.
 
Chaidh i a dh'obair a Dhùn Èideann anns na bliadhnaichean às dèidh an [[Dàrna Cogadh|Dàrna Cogaidh]]. Chlàr i mòran de dh’òrain do Sgoil Eòlais na h-Alba, ’s ghabh luchd-clàraidh leithid Hamish Henderson agus Alan Lomax ùidh shònraichte innte anns na 1950an. Dh'fhàs Flòraidh fìor ainmeil tro na bliadhnaichean airson a guth agus airson a dòigh seinn - an dà chuid am measg nan Gàidheal agus na b' fharsainge. A bharrachd air radio, telebhisean agus àrd-ùrlar ann an Albainn fhéin, sheinn i tric air feadh na Roinn Eòrpa agus an Aimeireagaidh.