An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Kitty NicLeòid"

Content deleted Content added
bNo edit summary
bNo edit summary
Loidhne 5:
 
==Beatha==
Rugadh Kitty NicLeòid ann an 1914 anns [[na h-Innseachan]], far an robh a h-athair anns an arm. Bha a phàrantanpàrantan à Leòdhas. Chuir Kitty seachad a h-òige ann an [[Nis, Leòdhas|Nis]]. Chaidh Kitty do Sgoil Lìonail agus an uair sin do [[Sgoil MhicNeacail]] ann an Steòrnabhagh. Dh'fhàg Kitty Leòdhas airson a dhol do dh'[[Oilthigh Dhùn Èideann]].<ref name="BnO">[http://www.bbc.co.uk/alba/oran/people/kitty_nicleoid/ Kitty NicLeòid] aig Bliadhna nan Òran</ref>
 
Bha an teaghlach air gluasad a Ghlaschu timcheall air 1941 agus bha Kitty agus a màthair a' teagasg sa bhaile. An dèidh bàs a màthairmàthar chaidh i a theagasg a Lodainn an Ear. Leig i dhith a dreuchd ann an 1974, 's rinn i a dachaigh ann an [[Ormiston]].
 
Bha i pòsta dà uair, aig Murchadh MacIllFhinnein agus aig an Dotair Ernest Gregson. Cha robh teaghlach aice. Chaochail Kitty NicLeòid air 7 Cèitean, 2000.
Loidhne 14:
B' ann an Dùn Èideann ann an 1935 a choisinn Kitty a' chiad Bonn Òir aig Mòd ionadail. Choisinn i am [[Bonn Òir a' Chomuinn Ghaidhealaich|Bonn Òir]] aig Mòd Inbhir Nis ann an 1936.
 
An dèidh sin bha Kitty a' seinn air feadh Bhreatainn, an àiteachean mar Lunnainn is Manchester, Obar Dheathain agus Dùn Èideann, còmhla ri cuid de phrìomh sheinneadairean an latha, leithid Coinneach MacRath agus Ailean MacIllEathain, Mairead NicDhonnchaidh agus Mairead NicAonghais. Ach cha b' e an stoidhle seinn a bha fasanta aig an àm as an robh ùidh aig Kitty. B' fheàrr leatha òrain a bhuineadh dhan fhìor dhualchas. Bha i air mòran òrainòran ionnsachadh bho a màthair agus bho piuthar a màthar agus bho charaidean ann am Barraigh. A dh'aindeoin an fhèill a bha oirre, agus a dh'aindeoin a bhith gabhail pàirt ann an fìolmaichean leithid Rob Roy, sguir Kitty a sheinn air àrd-ùrlar.
 
Bho àm gu àm thairis air bliadhnaichean chlàr i òrain do Pharlaphone, dhan [[BBC|BhBC]], do [[Sgoil Eòlais na h-Alba]] agus do Ghaelfonn. Ann an 1943, chaidh a clàradh airson a' phrògram TBh 'The Western Isles'.