An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Dòmhnall Grannd"

Content deleted Content added
+ iomradh
No edit summary
Loidhne 1:
Bha '''Dòmhnall Grannd''' ([[1903]]-[[1970]]) (Beurla ''Donald Grant'') ’na mhaighstir sgoile agus ’na sgrìobhadair Gàidhlig. Chaidh a chrùnadh mar bhàrd aig [[Am Mòd Nàiseanta Rìoghail|Mòd Nàiseanta]] 1935. Bha e ’na fhear-eagrachaidh air ''An Gaidheal'' bho 1962 gu 1964, ’na cheann-suidhe air ''[[An Comunn Gaidhealach]]'' bho 1965 gu 1968<ref> MacCalmain, T.M. (1971) 'Gaidheal gu Chùl' in D. Grannd "Tìr an Àigh" deas. le Iain A. MacDhòmhnaill, Glaschu: Gairm, d.7</ref>, agus ’na cheann-suidhe air ''[[Comunn Sgitheanach Ghlaschu]]''. Sgrìobh e sgeulachdan goirid, dealbhan-cluiche agus bàrdachd, torr dheth éibhinn.
 
== Beatha ==
Rugadh Dòmhnall Grannd air 25 am Faoilleach, 1903 ann an Camas Cros, Slèite, anns an Eilean Sgitheanach. B’ esan am fear a bʼ òige den chlann aig Dòmhnall Grannd agus Cairistìona Nic aʼ Phearsain. Bha bràthair aige, Aonghas, agus piuthar, Catrìona. Nuair nach robh e ach trì bliadhna dʼ aois, chaochail a athair ann an Rouen san Fhraing an-dèidh dha fàs tinn aig muir le grèim mionaich. Ach rud a thug buaidh na bu mhotha air, bʼ e gun do bhàsaich a mhàthair nur a bha e 16 bliadhna d’ aois.
 
== Iomraidhean ==