An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Beinn Hòb"

Content deleted Content added
leudachadh
b tùs
Loidhne 18:
'S e [[beinn]] ann an [[Cataibh|Dùthaich MhicAoidh]] a tha ann am '''Beinn Hòb''' (Beurla: ''Ben Hope''). <ref>[http://www2.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/sbg/lorg.php?faclair=sbg&seorsa=Beurla&facal=Ben+Hope&eis_saor=on&tairg=Lorg Stòr-dàta SMO] </ref> Tha i faisg air [[Allt-na-h-Eirbhe]] agus deas air [[Tunga]]. 'S e seo na [[Co-chomharran an Domhain|co-chomharran]] aice: 58° 24′ 48.78″ Tuath agus 4° 36′ 31.46″ Iar.
 
Tha i 927 meatair (3,041 troigh) a dh’àirde, agus 's e Beinn Hòb a' [[Beinn Rothaich|Bheinn Rothaich]] as fhaide tuath ann an Alba. Tha an t-ainm a' tighinn bhon seann Lochlannais ''hóp'', agus 's ann bhon fhacal sin a thàinig am facal Gàidhlig ''òb''<ref>Drummond, Peter (1991) ''Scottosh Hill and Mountain Names''. Scottish Mountaineering CouncilTrust. d. 119</ref>.
 
Mar as trice bithear a' dèanamh air a' bheinn seo bho Mhuiseal air an rathad eadar Altnahara agus Òb. Mar as trice bithear a' gabhail an aon slighe sìos, agus cha bhithear ga ceangal le beinn eile.<ref>[http://www.walkhighlands.co.uk/sutherland/ben-hope.shtml Beinn Hòb air Walkhighlands]</ref>