An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "George Elder Davie"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 3:
== George Elder Davie agus Litreachas ==
Bha Elspeth Davie, bean aig George, na sgrìobhadair ainmeil agus fhuair i Duais Katherine Mansfield airson Sgeulachdan Goirid ann an 1978. Nuair a bha e a' fuireach ann am [[Beul Feirste]], bha George Davie eòlach air Philip Larkin, aon de na bàrd as cliùitiche ann am Beurla ann am 20mh linn. Ann an [[Dùn Èideann]], bha e gu math dlùth ri [[Somhairle MacGill-Eain]] agus [[Ùisdean MacDhiarmaid]]. Fhuair e eòlas air Somhairle ann an 1933. Bha George Davie na òraidiche Feallsanachd an [[Oilthigh Dhùn Èideann]] aig an àm seo. Stiùir Davie agus James B. Caird Somhairle air bàrdachd Ùisdein MhicDhiarmaid. B' e Davie am fear a chuir Somhairle agus Ùisdean an aithne a chèile a' chiad turas.
Mar a sgrìobh Somhairle mu a dheidhinn: "Bha George Davie gu sònraichte fiosrachail mu iomadach seòrsa gnothach an Alba, agus bha ùidh aige gu h-àraid ann an smaoineasan agus bha am fiosrachadh aige farsaing."<ref>[http://www.sorleymaclean.org/anns_oilthigh.htm "Eachdraidh-beatha: Anns an Oilthigh (1929-1933)", Somhairle MacGill-EathainEain Air-Loidhne.] </ref>
 
== Iomraidhean ==