An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Cead-dealbhachaidh"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 10:
 
Leigidh a’ chomhairle ionadail fios gach seachdain ris a’ Chomhairle Coimhearsnachd mun h-uile iarrtas dealbhachaidh san sgìre. Ach mura bheil a’ Chomhairle Coimhearsnachd a’ coinneachadh gu tric, agus mura bheil rùnaire aice a tha math air fiosrachadh a sgapadh, bidh an ùine seachad airson beachdan a chur a-steach.
 
== Ciamar a chuirear beachdan a-steach ==
A’ chiad cheum, ’s e fiosrachadh mionaideach fhaighinn mun iarrtas. San latha an-diugh, gheibhrear na planaichean air làraich-lìn na comhairle ionadail. Chithear iad cuideachd san oifis dealbhachaidh ionadail, agus bidh iadsan deònach cuideachd mìneachadh a thoirt seachad air dé a tha na planaichean a’ ciallachadh.
 
Feumaidh beachdan a bhith ann an sgrìobhadh, agus bu chòir àireamh-bhratha an iarrtais a bhith ann. Théid na beachdan fhoillseachadh air làraich-lìn na comhairle: leis a sin, cha bu chòir fiosrachadh pearsanta mu daoine eile a bhith ann. Feumaidh iad a bhith a-stigh ron cheann-latha, agus faodaidh sin a bhith gu math teann. Ach gu tric, ma théid beachdan tòiseachaidh a chur a-steach ron cheann-latha, gabhaidh cur riutha airson beagan ùine às déidh sin. Ged a tha daoine gu tric a’ dèanamh gearain an aghaidh iarrtas dealbhachaidh, tha e làn cheadaichte sgrìobhadh a-steach agus taic a chur ri iarrtas.
 
== Puingean a bhiodh iomchaidh sna beachdan ==
Ma tha cuideigin a’ cur beachd a-steach gum bu chòir don chomhairle cead-dealbhachaidh a cheadachadh no a dhiùltadh, feumaidh e innse carson. Seo eisimpleirean de dh’adhbharan a tha iomchaidh:
* Poileasaich plana leasachaidh (faic gu h-ìosal)
* Buaidh air togalaichean is talamh agus an àrainn mun cuairt
* Fuaim, dragh is àileadh
* Solas an latha agus dìomhaireachd
* Coltas ri fhaicinn
* Truaillidheachd
* Ceistean àrainneachd
* Buaidh air gluasadan trafaig
* Barrachd trafaig
* Sàbhailteachd rathaid, agus faighinn a-steach
* Duilgheadasan pàircidh
* Buaidh air coisichean agus daoine air baidhseaglan
* Feumalachdan na sgìre ionadal
* Buaidh air cosnadh
* Goireasan malairteach, sòisealta agus coimhearsnachd
* Cothroman airson cur-seachad
 
Chan urrainn do neach a bhith a’ gearan mun droch-bhuaidh a bheireadh an leasachadh air prìs a thaighe fhéin: chan e ceist dealbhachaidh a tha sin. Gu h-annasach cuideachd, gu h-àraid air a’ Ghaidhealtachd far a bheil na seallaidhean cho math agus cho prìseal chan urrainn dha nas motha a bhith a’ gearan gun cuireadh an leasachadh bacadh air an t-sealladh aige: oir chan eil còir laghail aig duine ri sealladh tarsainn fearann neach eile.